Rinneadh cobhair air turtar a chaidh air tìr ann an Eilean Ì

Tùs an deilbh, BDMLR

Chaidh cobhair a dhèanamh air turtar loggerhead an dèidh mar a chaidh i air tìr ann an Eilean I air taobh siar na h-Alba.

Chaidh am beathach tropaigeach a dh'fheumas uisgeachan blàth airson tighinn beò a lorg le eileanach Diaordaoin.

Chaidh fios a chur air dàibhearan cobhair chreutairean-mara (BDMLR) a thug am beathach a Mhuile far an deach a chur ann an uisgeadan èisg.

Tha an turtar a-nis ann an cùram Ionad Chreutairean-mara Loch Lamaoinn.

Thuirt BDMLR gum faod na turtaran loggerhead a dhol air chall bho Shruth a' Chuain Shiar a Tuath, sruth blàth a thig à Camas Mheagsago.

Tha na turtairean uaireannan a' ruighinn chladaichean na Rìoghachd Aonaichte, ach tha BDMLR ag ràdh gur ann ainneamh a bhios iad fhathast beò.

"Ma thig iad beò às idir bidh sinn gan cur air ais gu àite mar na h-Eileanan Canary," thuirt BDMLR.

"Feumaidh sinn an turtar a bhlàthachadh beag air bheag le bhith ag àrdachadh blàths an uisge 's a bheil i beag air bheag gus nach tig cuairt oirre."