Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
County fhathast aig a' bhonn
Tha Ross County fhathast aig bonn na Prìomh Lìge ged a thog iad puing ann am Pà islig oidhche Chiadain.
Bha piseach air tighinn air County anns na seachdainean mu dheireadh is thòisich iad gu math an aghaidh St Mirren le cothroman trà th aig Blair Spittal, Harry Paton is Dominic Samuel.
Ghabh na Buddies smachd air cùisean mar a chaidh an geama air adhart ge-tà , is bha County fo uallach san dà rna leth gu sònraichte.
Bha sgioba Inbhir Pheofharain taingeil gun robh Ashley Maynard-Brewer ann an sunnd eadar na puist is sreath de shà bhalaidhean aige.
Is bha cothrom aca fhèin na puingean a ghoid aig deireadh na h-oidhche is David Cancola le oidhirp anns na mionaidean mu dheireadh.
Chrìochnaich an geama 0-0 is ged a tha County fhathast aig a' bhonn, tha iad puing nas fhaisge air Baile Dhùn Lèibhe, a chaill 2-0 ri Obar Dheathain.
"Shaoil mi gur e geama air leth a bh' ann. Sa chiad leth bha dhà no trì cothroman fìor mhath againn", thuirt manaidsear Chounty, Malky MacAoidh.
"Cha do chaill sinn tadhal, chan eil sinn air call ach aona gheama ann an còig a-nise, is tha e gar cumail faisg air a h-uile duine eile.
"'S e th' againn an seo buidheann de ghaisgich a tha a' sabaid a h-uile seachdain", thuirt e.
Bidh County a-nise an aghaidh St Johnstone aig PÃ irc MhicDhiarmaid Disathairne.
Thèid iad co-ionnan ri sgioba Pheairt san lìog ma nì iad an gnothach sa gheama sin.