Alba troimhe gu na geamannan dearbhaidh

Tùs an deilbh, SNS

  • Ù²µ³ó»å²¹°ù, Iain Moireasdan
  • Dreuchd, Preaseantair Spòrs

Tha fios againn uile nach e gnothach furasta a th' ann a bhith a' leantail sgioba ball-coise na h-Alba. Ach às dèidh bhliadhnaichean mòra san fhàsach tha an sgioba aig Steve Clarke air sia geamannan ann an sreath a bhuannachadh - rud nach do rinn Alba airson còrr agus 90 bliadhna.

Bha cùisean cho math 's gun robh gàire air aodann Clarke, rud nach eil sinn eòlach sam bith air fhaicinn.

Às dèidh cho ìosail 's a bha an sgioba, tha an t-adhartas do-chreidsinneach. Ach thachair e, agus sa gheama mu dheireadh rinn Alba an gnothach air an sgioba a th' aig àireamh 10 ann an siostam-rangachaidh FIFA agus tè de na sgiobaidhean às fheàrr san Roinn Eòrpa.

A bharrachd air sin, bha na Dànaich a' feuchainn ri dhol tron bhuidhinn aca gun puing a chall, rud nach eil ach dà sgioba eile air a dhèanamh a-riamh roimhe, ach chuir na h-Albannaich stad orra le misneachd, stoidhle agus dà thadhal snasail.

Crìoch mhìorbhaileach airson faighinn chun na h-ath-ìre san iomairt airson Cuach na Cruinne ann an Qatar 2022.

'S ann gu math mall a thòisich na h-Albannaich. Co-ionnan ris an Ostair aig an taigh, co-ionnan ri Israel air falbh, agus a' togail nan trì puingean aig an taigh an aghaidh sgioba bheag nan Eilean Fàrach.

Coig puingean bho naoi agus bha an t-slighe gu Qatar a' coimhead gu math math fada agus gu math corrach.

Cha do chuir seo iongnadh air duine san luchd-taic, seach gun robh an sgioba a' leantail fasan nam fichead bliadhna mu dheireadh.

Às dèidh deagh ghreis, far an robh e a' faighinn taic gun cheist, thòisich gearrainnean a' nochdadh mu dheidhinn Steve Clarke anns na meadhanan agus an lùib an luchd-taic.

Tùs an deilbh, SNS

Bha tòrr den bheachd gum bu chòir do dh'Alba a bhith a' dèanamh na b' fheàrr leis na cluicheadaran a bh' aig a' mhanaidsear, le tòrr dhiubh an lùib sàr sgiobaidhean ann am Prìomh Lìog Shasainn.

A dh'aindheoin 's gun d' fhuair Alba gu cuairtean dheireannach nan Euros am-bliadhna cha do rinn iad ro mhath - chaill iad dà gheama aig Hampden an aghaidh Croàitia agus Poblachd na Seice, agus thog iad aon phuing an aghaidh Shasainn - a' crìochnachadh aig bonn Buidheann D le aon tadhal ri shealltainn airson an cuid saothrach.

Aig an àm sin bha luchd-taic gu math ìosail, ach bha Clarke fhèin den bheachd gun tilleadh iad bhon fharpais na b' fheàrr agus nas dlùithe mar sgioba. Cha robh mòran ga chreidsinn.

Cha do rinn a' chiad gheama air ais san iomairt airson Qatar mòran airson spiorad no misneachd an luchd-taic a thogail.

Chaill Alba 2-0 san Danmhairg, an aghaidh sgioba a bha fada, fada air thoiseach orra agus a bha a' ruith air falbh bho chàch ann am Buidheann F.

Aig an taigh an aghaidh Moldòbha cha robh Alba mòran na b' fheàrr ach thog iad na trì puingean air sgàth aon tadhal bho Lyndon Dykes. Tha fios againn a-niste gur e seo toiseach-tòiseachaidh an ath-bheothachaidh, ach nam biodh duine air a ràdh ri luchd-taic Alba nach cailleadh an sgioba airson sia geamannan agus gun togadh iad 18 puingean ann an sreath cha bhiodh mòran air a chreidsinn.

Suarach am moladh a tha Lyndon Dykes a' faighinn bho thòrr Albannach, ach bha esan cudromach dha-rìribh san t-sreath gheamannan seo, a' cur ceithir tadhail ann an ceithir geamannan. An aon tadhal ann an trì dhiubh, a' ciallachadh gun deach Alba dhachaigh le naoi puingean an àite trì.

Uaireanan ann am farpaisean mòra chan eil am ball-coise brèagha, ach ma nì an sgioba an gnothach thèid aca air diochuimhneachadh cho grannda 's a bha am buannachadh.

Air an 9mh là den Dàmhair, an geama mòr. Alba aig an taigh an aghaidh nàmhaid air an robh na cluicheadaran agus an luchd-taic air fàs ro eòlach - Israel.

Tùs an deilbh, Ross MacDonald - SNS Group

Dà thuras chaidh Alba air chùl, dà thuras thill iad agus anns na mionaidean mu dheireadh phut McTominey am ball tarsainn an loidhne le pìos de a chorp nach eil tric a suathadh sa bhall.

Cha robh e gu diofar. Bha Alba air buannachadh, bha na trì puingean sàbhailte agus bha aon chas aig Steve Clarke agus an sgioba anns na geamannan dearbhaidh.

Ach 's ann mu Alba a tha sinn a' bruidhinn agus chan eil an sgioba seo cleachdte ri cùrsa furasta, sìmplidh a leantail. Bha turas cunntartach aca a-null a Mholdòbha, tè de na sgiobaidhean as laige san t-saoghal, ach sgioba a rinn gnothaichean gu math sticeach do dh'Alba aig an taigh.

'S dòcha gue e an rud as tarraingiche mun sgioba ùir aig Alba gu bheil grunn chluicheadairean òga le sgil, misneachd agus gun eagal air nochdadh agus air sealltainn gu bheil iad comasach air cluich aig ìre eadar-nàiseanta.

Ann am Moldòbha 's e ainm Nathan Patterson, 20, a bh' air bilean an t-sluaigh. Chuir e tadhal eireachdail agus chruthaich e tadhail a cheart cho brèagha dha rionnag ùir eile, Che Adams.

Bha Alba sàbhailte san dara àite sa bhuidhinn, ach bha co-dhiù aon phuing eile a dhìth airson a dhèanamh cinnteach gum biodh iad a' cluich a' chiad geama dearbhaidh aig Hampden an aghaidh tè de na sgiobaidhean as laige.

Chluich Alba cho math an aghaidh nan Dànach 's a tha iad air cluich airson iomadach bliadhna fhada agus fhuair iad dà thadhal gun aonan a leigeil a-staigh.

Bha iomadach rionnag air a' phàirce - McGinn, Gilmour, Adams - ach ma bha aon duine na shàmhla airson na dòigh anns an do chluich na h-Abannaich, tha fios gun e John Souttar.

Cha bhiodh mòran air sin a ràdh ron gheama.

Trì tursan ann am beagan bhliadhnaichean bha e cho leòinte na chorp agus nach robh cinnt gun tilleadh e gu ball-coise gu bràth. Ach 's e a thill, agus chan e a-mhàin gun do thòisich e an geama, chuir e tadhal sgoinneil, chuir e spionnadh do-chreidsinneach dhan loidhne dìon agus chaidh a thaghadh mar an cluicheadar a b' fheàrr air a' phàirce.

'S beag an t-iongnadh gun do chuir Steve Clarke a ghàirdeannan timcheall air aig deireadh a' gheama agus gun do bhruidhinn e cho dùrachdach mu dhèidhinn ris na meadhanan. Tha manaidsear seo faisg air na cluicheadairean, tha e gan tuigsinn agus tha e air tarraing cho dlùth ri chèile agus cho dàimheil.

Tha fios aig luchd-taic Alba gu bheil dà gheama doirbh cunnartach eadar an sgioba agus Qatar. Ach tha fios aca cuideachd gu bheil sgioba òg, thàlantach aca a bhios còmhla airson bliadhnaichean agus a tha deònach sabaid dha chèile.

'S dòcha gu bheil dorchadas a' Gheamhraidh gar cuairteachadh an-dràsta, ach saoilidh mi gu bheil a' ghrian ag èirigh a-rithist ann am ball-coise na h-Alba. Tapadh leat Steve Clarke agus a h-uile mac-màthar san sgioba.