Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
An dà Cheann a' sabaid airson Cupa MhicThà bhais
- Ù²µ³ó»å²¹°ù, Uisdean MacIllinnein
- Dreuchd, Eòlaiche iomain
Ge b'i dè thachras aig Pà irc a' Bhught an Inbhir Nis Disathairne, 's e seusan eachdraidheil a tha air a bhith an seo do shaoghal na camanachd.
Eachdraidheil. Neò-à bhaisteach agus misneachail ann an cuid de dhòighean. Agus cugallach ann an dòighean eile.
Agus a bheil an geama eadar Ceann Loch Seile agus Ceann a' Ghiùthsaich a' dol a rèiteach cò an sgioba as fheà rr anns an dùthaich am-bliadhna?
Canaidh seòid an taobh siar gu bheil a' cheist sin a-nis dearbhte an dèidh na thachair anns an Òban agus nuair a thug iad Cupa na Camanachd air ais dhan Dòrnaidh.
Canaidh muinntir Chinn a' Ghiùthsaich gu bheil iad fhèin, le Cupa MhicAmhlaigh fon achlais, airidh air an tiotal gu ìre, an dèidh a' chùis a dhèanamh air Caol Bhòid 4-1 anns an Òban.
Tha mi cinnteach gur e geama Dhisathairne an geama a bha a' mhòr-chuid ag iarraidh airson cuairt dheireannach Cupa na Camanachd - ged a chanas muinntir Lòbhat gu leòr mun sin - agus bha iad gun teagamh airidh air an à ite sa gheama mhòr sin.
Ach seo a-nis sinn leis an dà sgioba a thog an dà dhuais as motha gu ruige seo (a' cur Cupa Chomann Cheilteach Ghlaschu an dà rna taobh seach nach b' urrainn do h-aon seach h-aon aca cluich ann co-dhiù) agus iad a' dol an amhaichean a' chèile.
Bidh sinn an dòchas gum bi Pà irc a' Bhught ann an deagh òrdugh agus gum bi deagh là ann a bheir an cothrom dhan dà thaobh crìoch buileach à raid a chur air an t-seusan dhuinn.
Seusan eadar-dhealaichte
Gu h-à bhaisteach, bidh sinn a' faicinn na cuairt dheireannaich seo gu math nas trà ithe sa bhliadhna, agus cha bhi cus fios againn dè cho math 's a tha na sgiobaidhean seo a' cluich. Tha an geama seo eadar-dhealaichte. Tha an seusan air a bhith riaslach agus briste. Tha greis ann bho nach do chluich an dà sgioba aig à rd-ìre. Tha pà rtaidh, plòidh is fealla-dhà air a bhith air an taobh siar fad grunn sheachdainean agus bidh ceist ann mu choinneimh Chinn Loch Seile a bheil iad deiseil gu leòr airson an ìmpidh a thig orra bho Cheann a' Ghiùthsaich.
'S dòcha gur i sgioba Bhà ideanaich as fheà rr a th' air dèiligeadh ri Covid anns an ùine-fhada leis an deisealachadh a rinn iad ro-là imhe. Ach aig deireadh an là cha robh sin gu leòr 'son an duais mhòr a bhuinnig, agus tha iad air an tà mailteachadh agus air an goirteachadh le na thachair an aghaidh Lòbhat.
Cuiridh an dà thaobh na ceistean sin uile an dà rna taobh air a' Bhught agus thig iad air a' chèile ann an dòigh a bheir an seusan an ìre mhath gu crìch ann an dòigh gu math snasail is gun ri thighinn ach Cupa an t-Sutharlannaich an ath sheachdain, faodaidh sinn na camain a phasgadh an uairsin 'son mìos no dhà mus tòisich an saoghal ùr air taobh eile na Callainn.
Agus bidh fear òg bho sgioba Chinn a' Ghiùthsaich, Iain Friseil, na sgiobair air Ceann a' Ghiùthsaich an ath-sheachdain ann an cuairt dheireannach Cupa MhicThà bhais 'son òigridh fo aois 17. Comharra gu bheil car eile a' dol dhan chuibhill shìos am Bà ideanach agus iad ag ùrachadh na sgioba a h-uile bliadhna.
An teis-mheadhain na pà irce a-mà ireach bidh James Hutchison a tha 42 (tha e air a bhith an aois sin bliadhna no dhà saoilidh sinn) a' cumail là mh air an stiùir. Aois is eòlas is òige an lùib a chèile.
Bidh Ceannn a' Ghiùthsaich, a th' air an duais seo a thogail 27 turas mar thà , an ìre mhath aig an là n-neart agus air an ceann a' tighinn a-mach a-mà ireach bidh fear de na seann laoich as ainmeile a bh' aca a-riamh air an raon-cluiche - Donaidh Grannd a tha a' teannadh air 83 an ath-mhìos - agus a bhuinnig an cupa seo an toiseach ann an 1957 nuair nach robh e ach 19. Tha e air a bhith a' tighinn-beò le seargadh eanchainn 'son grunn bhliadhnaichean a-nis agus tha e air a bhith a' cur gu mòr ri buidheann camanachd na cuimhne am Bà ideanach. Tha sinn uile an dòchas gun còrd an là ris.
Aig ceann eile na pà irce, Ceann Loch Seile nach do thog an cupa seo a-riamh - fhathast. Ma bheir iad air ais dhan Dòrnaidh an ath-oidhch' e, mar a rinn iad le Cupa na Camanachd, faodaidh iad sin a chaith air na Sgitheanaich as urrainn a rà dh gun do thog iad fhèin an cupa sna 1890-an nuair a bha e ùr.
Cluicheadairean a dhìth
Gu mì-fhortanach do Cheann Loch Seile, bidh cluicheadair no dhà a dhìth orra agus gu sònraichte Pòl MacRath a bhris a ghlùin bho chionn cola-deug. Bidh e an sin a-mà ireach ge-tà , air na cruidsichean agus gheibh e bonn (airgid no òir) mar phà irt den sgioba agus mar chomharra air na chuir e ris an sguad fad na bliadhna agus roimhe sin.
Tha e doirbh a rà dh cò thig am bà rr anns a' gheama iongantach seo, agus cò aige a tha fios an dearbh e dhuinn cò an sgioba as fheà rr anns an dùthaich. Gheibh sinn a-mach cò an sgioba as fheà rr air an là . Bidh sin fhèin gu leòr agus cumaidh na thachras cagnadh rinn 'son mìos no dhà gus an tòisich sinn a-rithist ann an saoghal a bhios gu math nas saorsnaile agus nas dòchasaiche tha fios.
Biodh deagh gheama agus deagh là aig gach neach a bhios an là thair agus san èisteachd air 91Èȱ¬ Radio nan Gà idheal. Chan urrainn dhuinn an còrr iarraidh.