Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Peadar MacUilleim: 'An Gà idheal as cliùitiche a-riamh am ball-coise'
- Ù²µ³ó»å²¹°ù, Dòmhnall Pollock
- Dreuchd, 91Èȱ¬ Naidheachdan
An cuala sibh am fear mun duine às a' Ghà idhealtachd a bha na sgiobair air Alba, a stiùir Spurs gu Cupa an FA agus a thug buaidh air cuid de na manaidsearan ball-coise as cudromaiche den 20mh linn?
Cha chuala, tha e coltach, ach glè bheag.
Ged a tha cuid de dh'eòlaichean a' bhuill-choise ag rà dh gur e "fuamhaire" a bh' ann am Peadar MacUilleim, chan eil plà c air Srà id Earra-Ghà ideil ann an Inbhir Nis 'son à ite breith a chomharrachadh, no caibideil dha ann an Talla nan Gaisgeach aig an SFA.
100 bliadhna às dèidh dha Cupa an FA a thogail le Tottenham, chan eil mòran fiù 's ann am baile MhicUilleim fhèin a dh'innseadh dhut a-nise cò e no dè rinn e, no mar a tha a dhìleab fhathast beò, a rèir choltais, ann an coidseadh a' bhuill-choise.
Tha 100 bliadhna ann cuideachd bho thug MacUilleim an sgioba Spùrs aige air ais dhan Ghà idhealtachd 'son geama an aghaidh sgioba thaghte bho Chaley is Thistle - geama gu h-iongantach a bhuannaich an sgioba ionadail 6-3.
B' ann à s dèidh do 91Èȱ¬ Naidheachdan an stòiridh sin innse a chuir Ceit Pheutan fios oirnn.
Tha Ceit a' fuireach ann an sgìre Loch Aillse is tha ùidh mhòr aice ann an spòrs. Bidh i a' cur taic ri Caley Thistle Inbhir Nis is bha i air a dòigh glan nuair a thog Ceann Loch Seile Cupa na Camanachd, tha i a' fuireach ri taobh na pà irce is bha cuid mhath de na balaich roimhe nan sgoilearan aice.
Agus 's i cuideachd ogha Pheadair MhicUilleim.
"Ged a chaochail e dar a bha mi gu math beag, bhithinn a' cluintinn mu dheidhinn gu cinnteach agus bha fios againn daonnan san teaghlach gur e duine gu math sònraichte a bh' ann ann an saoghal a' bhuill-choise", tha Ceit ag innse.
Bha slighe MhicUilleim òig gu à rd-ìre an t-saoghail sin air tòiseachadh san 19mh linn cha mhòr aig ceann na srà ide air an do rugadh e ann an Inbhir Nis le sgioba Thistle.
Às a sin chaidh e gu Newcastle far an do choisinn e cliù a thug e a-steach gu sgioba na h-Alba.
Ach mar a tha Ceit a' mìneachadh, 's e seòrsa de mhèirle a dh'fhà g gun do chluich e 'son Newcastle idir.
"Dar a bha e a' cluich aig Thistle Inbhir Nis, thà inig scout à Sunderland is thug e cuireadh dha a dhol sìos.
"Ach 's e thachair gun tà inig e far an trèana ann an Newcastle o chionn 's gun robh e a' tachairt ri tè de na peathraichean aige a bha ag obair ann an shin.
"Nochd cuideigin bho Newcastle air a' phlatform is thug iad air falbh e is shoidhnig e air an son-san seach Sunderland", thuirt i.
Mèirle gu math soirbheachail a bh' ann do Newcastle is cuid a' fà gail air MacUilleim na à m aig Pà irc St James gur e an half-back as fheà rr a bha ann am Breatainn.
Às dèidh dha sguir a chluich is air a ghoirteachadh ann an leine na h-Alba, chaidh MacUilleim ann an 1912 a stèidheachadh mar mhanaidsear air Spurs, far an do thòisich e air stoidhle stèidhichte air am ball a chumail a chur an sà s, stoidhle a bha air tighinn às Alba bho thùs.
Chumadh e ris an stoidhle sin thar iomadach bliadhna, an dà chuid mar mhanaidsear aig Spurs dà uair is cuideachd Middlesbrough.
Thog feadhainn a chluich dha air an dearbh stoidhle sin is chleachd iad fhèin e gu soirbheachail nam manaidsearan aig clubaichean mar Spurs, Ajax is Barcelona.
Tha Ceit ag rà dh gun robh urram mòr aig cluicheadairean MhicUilleim dha a thaobh mar a dhèilig e riutha, is gu dearbh tha e follaiseach bho na dealbhan - duine spaideil tric le ad air a cheann is pìob na bheul - gur e fear a bh' ann a bha gu math comhurtfail san t-saoghal anns an robh e a' gluasad.
Bha an ìomhaigh a bha sin uaireanan na trioblaid ge-tà , gu h-à raidh nuair a bha e a' feuchainn ri tà lantan ùra a lorg. 'S e sin a dh'fhà g gun robh aige ri cleasan diofraichte a chur an sà s.
"Bha e cho furasta aithneachadh seach gun robh e lom is a h-uile dealbh a chì thu dheth tha ad air", tha Ceit ag innse.
"Bhiodh e a' cur wig air choireigin air gus nach aithneachadh duine e dar a bha a' tadhal air sgiobaidhean eile airson cluicheadairean a lorg".
Ach ged a tha an teaghlach gu follaiseach cho moiteil às na rinn Peadar ann am ball-coise, 's mor an call a th' ann dhaibh gu bheil e air a dhol air dìochuimhne aig a' mhòr-chuid.
"Nuair a dh'fhàs mi na bu shine fhuair mi barrachd a-mach mu dheidhinn is tha ùidh mhòr agam ann am ball-coise co-dhiù", thuirt Ceit.
"Le sin bha e na adhabhar pròis agamsa cho math 's a rinn e ach 's e briseadh-dùil a th' ann cuideachd nach eil cuimhne aig duine sam bith air.
"Bidh mi ag innse do mhòran dhaoine an sgeulachd agus chan eil gin dhiubh air cluintinn mu dheidhinn".
Dh'fheuch Ceit roimhe ri sin a chur ceart ach cha d'fhuair i taic gu leòr gus Peadar MacUilleim a chur ann an Talla nan Gaisgeach aig an SFA.
Ged a sgrìobh i gu Caley Thistle, Spurs, Newcastle is Middlesbrough, cha tà inig freagairt idir air ais.
Fiù 's nach do ghabh i an cothrom Terry Butcher a choiteachadh nuair a thachair i ris ann am Marks & Spencer ann an Inbhir Nis is Butcher aig an à m os cionn Chaley Thistle.
Ach cha tà inig taic bho fhear a bha roimhe na chaiptean air Sasainn dha seann sgiobair na h-Alba is dh'fhalbh Butcher chun nan sgonaichean gun leasachadh sam bith tighinn air iomairt Ceit.
Chan eil sin a' ciallachadh gu bheil i air a leigeil seachad. Tha i daingeann den bheachd gum bu chòir fios a sgaoileadh mu bheatha a seanair.
Oir ged a rà inig cluicheadairean Albannach gu leòr à rd-ìre ann am ball-coise, chan eil a' bhuidheann dhiubh a rugadh is a thogadh air a' Ghà idhealtachd idir cho mòr.
"Sin an argamaid a bha agam dar a sgrìobh mi chun SFA, gur esan an Gà idheal as cliùitiche ann am ball-coise a bh' ann riamh.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e airidh air, is gu bheil a' Ghà idhealtachd airidh air".
Clach eile air cà rn Pheadair MhicUilleim ma-thà , is a theaghlach fhathast an dòchas gun togar cà rn mòr ceart dha air a' cheann thall.