Anail Chinn Loch Seile, air a' mhullach

Tùs an deilbh, Neil Paterson

  • Ù²µ³ó»å²¹°ù, Dòmhnall Pollock
  • Dreuchd, 91Èȱ¬ Naidheachdan

'S aithne do gu leòr an sgeulachd mu bhlàr Ghleann Seile is mar a theich na Spàintich a bh' air taobh nan Seumasach suas beinn is an là a' dol nan aghaidh.

Rud a tha air a chomharrachadh fhathast san sgìre, le Sgurr nan Spàinteach air ainmeachadh às an dèidh.

Tha e coltach gun d' fhuair na Spàintich a bha fhathast beò dhachaigh air a' cheann thall, ach ma bha bodach no dhà dhiubh air a bhith falach gu h-àrd an Cinn Tàile thar nam bliadhnaichean, tha teans gum biodh iad air ceann a nochdadh leis an onghail a bha a' dol sìos fomhpa air an deireadh-sheachdain.

Chan fhaca an sreath de bhailtean beaga an cois Loch Aillse an leithid a-riamh is Ceann Loch Seile a' buannachadh Cupa na Camanachd san Ã’ban.

'S e 3-1 a bh' ann an aghaidh Lòbhait, mura h-eil sibh air cluintinn, is na tadhail air fad a' tighinn bho Chè MacRath.

Chuala sinn gu leòr anns na làithean mu dheireadh gur e cluba an ìre mhath òg a th' ann an Ceann Loch Seile, an taca ri mòran eile ann an saoghal na h-iomain co-dhiù, is iad air an stèidheachadh ann an 1958 nuair a chaidh Cinn Tàile, Loch Aillse is Gleann Seile còmhla.

A thuilleadh air sin ge-tà, chan eil ach beagan is 20 bliadhna bho rinn Ceann Loch Seile co-dhùnadh a dhol sìos na lìogaichean sa cheann a tuath is iad ann an staing.

Às an sin thog iad às ùr, ag èirigh air ais tro na lìogaichean agus a' stèidheachadh dàrna sgioba às ùr air an t-slighe.

Tùs an deilbh, Neil G Paterson

Ràinig Ceann Loch Seile a' Phrìomh Lìog an toiseach ann an 2012 is dh'fhuirich iad ann bhon uairsin.

Bha clach-mhìle mhòr ann an 2016 nuair a chaidh Cupa MhicAmhlaidh a bhuannachadh 'son a' chiad turas, is an cupa a' tilleadh a-rithist ann an 2018.

Eadar sin, ann an 2017, bhuannaich Seile a' Phrìomh Lìog.

Agus a-nise, prìomh dhuais na camanachd air ais air a' chosta an iar.

Seo uile aig an dearbh àm 's a bha iad a' leasachadh nan goireasan aca is pàirc ùr èireachdail ann an Rèaraig, le planaichean 'son a' chòrr.

Chaidh seo a dhèanamh ri linn oidhirp mòire sa chluba fhèin agus sa choimhearsnachd timcheall orra - oidhirp a thog cluba a bha ann an cunnart a dhol à bith anns na 1990an chun na h-ìre as àirde den spòrs agus le goireasan is structar a tha iad an dòchas a chumas iad ann a' shin.

Bha sin follaiseach anns na thuirt am manaidsear, Johnston Gill, is e ag innse fiù 's anns na beagan mhionaidean às dèidh dhan sgioba buannachadh Disathairne gu bheil e den bheachd gum bi iad air ais sa chuairt dheireannaich a-rithist.

Cuiridh seo ann an cuimhne cuid mar a dh'èirich Inbhir Aora às ùr às dèidh dhaibh a dhol fodha le cion chluicheadairean aig toiseach nan 1980an gu Cupa na Camanachd a bhuannachadh ann an 2004. Ach bha co-dhiù eachdraidh de dh'iomain aig àrd-ìre ann an Inbhir Aora, rud nach robh fìor a thaobh Cheann Loch Seile.

Bu chòir na rinn iad Disathairne agus san 20 bliadhna mu dheireadh - air agus far na pàirce - a bhith na shamhla agus na bhrosnachadh dha clubaichean iomain thall 's a-bhos.

Le oidhirp, structar is taic, chan eil cnoc ann nach gabh dìreadh.

Eu-coltach ris na Spàintich suas an gleann ann an 1719, cha do dh'fhàg Ceann Loch Seile làrach a' bhlàir is mura h-eil mullach air ainmeachadh às an dèidh fhathast, uill 's dòcha gun atharraich sin.

Tha iad an-diugh nan seasamh aig bàrr na spòrs, nan eisimpleir air leth dhan chòrr.