Cuairt dheireannach na 'clach-mhìle' airson iomain

Thuirt àrd-oifigear Chomann na Camanachd gum bi cuairt dheireannach Chupa na Camanachd Disathairne na clach-mhìle airson na spòrs.

Thèid Ceann Loch Seile an aghaidh Lòbhat sa chuairt dheireannaich san Òban.

Cha robh Cupa na Camanachd idir ann an-uiridh ri linn staing Chovid-19.

B' e sin a' chiad turas bho àm an darna cogaidh nach deach prìomh fharpais na h-iomain a chluich.

Thuirt Derek Keir gur e faochadh a bhios ann dha coimhearsnachd na h-iomain san fharsaingeachd gu bheil a' chuairt dheireannach air ais.

Beatha àbhaisteach

"Tha e dìreach sònraichte gu bheil an geama gu bhith ann is gu bheil dà choimhearsnachd againn an seo a tha air bhìoran mu dheidhinn mun là mhòr.

"'S e clach-mhìle a th' ann dhuinn mar bhuidhinn agus tha sinn fada an comann a h-uile duine is a h-uile cluba a tha air pàirt a ghabhail.

"Le a bhith a-muigh air a' phàirc a' cluich iomain anns na mìosan mu dheireadh, tha iad air ceum mòr a ghabhail a dh'ionnsaigh beatha àbhaistich a bhith air ais nar coimhearsnachdan", thuirt e.

Bidh Lòbhat ag amas air an cupa a bhuannachadh 'son an treas turas is iad air soirbheachadh roimhe ann an 1953 agus 2015.

'S e seo a' chiad turas aig Ceann Loch Seile sa chuairt dheireannaich.

Thèid an geama Disathairne a chraoladh beò air 91Èȱ¬ Radio nan Gàidheal bho 1f agus air 91Èȱ¬ ALBA bho 2f.