Àrd-choidse ùr dhan Glasgow Clan

Tùs an deilbh, Al Goold

Tiotal an deilbh, Chan eil an Clan air geama a chluich bhon Mhàrt ann an 2020.
  • Ù²µ³ó»å²¹°ù, Ruairidh A MacIllFhinnein
  • Dreuchd, Ruairidh MacLennan

As dèidh còrr agus bliadhna as aonais àrd-choidse tha an Glasgow Clan air Malcolm Camshron ainmeachadh mar an fhear a stiùireas sgioba Bhraehead tro sheusan ùr an Elite League.

Tha e cuideachd gu bhith na cheannard air obair hocaidh aig a' Chlan.

'S ann an Alba Nuadh a tha an coidse ùr agus e air a bhith os cionn còrr agus 700 geama ann an lìg a' chosta an iar, neo an ECHL, ann an Ameireagaidh a Tuath.

Dhe na geamannan a tha sin tha Camshron air còrr agus 400 geama a bhuannachadh, agus e air a bhith os cionn na Cincinnati Cyclones, na Long Beach Ice Dogs, na Texas Wildcatters, na Florida Everblades, na Elmira Jackals agus an Wichita Thunder.

Sgioba

A bharrachd air na bliadhnaichean a tha e air a chosg ann an Ameireagaidh a Tuath tha e air a bhith na àrd-choidse anns an Eadailt agus ann an Romàinia.

Bidh e a-nis an urra ri Camshron sgrioba a thoirt ri chèile airson seusan ùr an Elite League, agus sgiobaidhean eile anns an lìg mur thà air cluicheadairean fhastadh airson an ath sheusain.

Tha seo a' tighinn ri linn 's gu bheil mì-chinnt ann fhathast mu dheidhinn arena an Clan agus Intu, aig an robh an ionad-bhùitean anns a bheil an arena, a' dol fo rianachd.

Dh'fhàg sin an sgioba as aonais cinnt gum biodh dachaigh aca na ath sheusan.