Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Aon dubh-fhacal seachad, ach a dhà eile ri thighinn
- Ù²µ³ó»å²¹°ù, Ruairidh A MacIllFhinnein
- Dreuchd, Ruairidh MacLennan
Tha gach sgioba a tha an sàs aig Euro 2020 a-nis air nochdadh agus air a bhi air an sgrùdadh aon turas. Ged nach eil dad sam bith air a bhi air a dhearbhadh fhathast a thaobh cò gheibh troimhe dhan ath chuairt agus cò thuiteas a-mach às a cho-fharpais, tha comharran ann mu thrà th mu cò as coltaiche adhartas a dhèanamh.
'S iad na h-Eadailtich a las an t-seòmar air a chiad oidhche dhen cho-fharpais anns an Ròimhe. Cha bhiodh mòran ag iarraidh seiseamh air an à rd-ùrlar dìreach às dèidh Andrea Bocelli - 's ann aig na h-Eadailtich a bha an dùbhlan sin agus iad a' cluich an aghaidh na Tuircich.
Airson cùrtairean na Euros a thoirt suas, sheinn Bocelli 'Nessun Dorma' (a' ciallachadh 'Na leig le neach sam bith cadal'). Òran a tha ag innse mu phrionnsa a dh'fheumas fuasgladh a' lorg air trì dhubh-fhacail airson am bana-phrionnsa Turandot a' phòsadh. Às dèidh aon gheama, tha sgioba na h-Eadailt air a chiad dubh-fhacal aca fhèin a fhreagairt.
Chluich sgioba Roberto Mancini ann an dòigh a bha eu-coltach ri sgiobaidhean Eadailteach mar a tha mòran eòlach oirre. Thug Leonardo Spinazzola agus Alessandro Florenzi deagh thaic do na cluicheadairean adhartach aig an 'Azzurri' airson gleans a chuir air taisbeanadh luath agus eifeachdach.
Chuir an Tuirceach Merih Demiral am ball dhan lion aige fhèin airson na h-Eadailtich a chuir air thoiseach, ach sheall Ciro Immobile agus Lorenzo Insigne cho cunnartach 's a tha an sgioba le tadhail dhaibh pèin. Mar sin 3-0 anns a chiad gheam, agus sgioba aig a bheil neart a' tighinn air adhart air a mheasgachadh le eòlas Giorgio Chiellini agus Leonardo Bonucci aig a chùl.
Fiù 's às dèidh aon gheama, chan eil comharra air nochdadh fhathast gun cuir na Cuimrigh, an Eilbhis neo an Tuirc stad air an sgioba Eadailteach ann am Buidheann A.
Ann an Buidheann B, tha na Beilgich mu thrà th air sealltainn carson a tha iadsan air urad de mholadh fhaighinn bho eòlaichean agus luchd-taic le chèile. Sguab balaich Roberto MartÃnez na Ruis air falbh le trì tadhail gu neoni anns a chiad gheama acasan.
Tha Romelu Lukaku dìreach air tiotal Serie A a thogail le Internazionale agus tha e air a dheagh shunnd a thoirt gu na Euros mar a dhearbh a dhà thadhal an aghaidh nan Ruiseanaich.
Chuir Thomas Meunier ris na tadhail sin airson na Beilgich, gan cuir ann an deagh shuidheachadh às dèidh aon gheama…ach tha tuilleadh ri thighinn bhon dearbh sgioba. Tha e doirbh suidheachadh a dhealbhachadh far am faigheadh Fionnlan neò an Danmhairc barrachd phuingean na na Beilgich agus an ginealach òir aca - ginealach òir a tha a' ruith a-mach à ùine - tiotal a' bhuannachadh.
Bha an geama a b' fheà rr 's a cho-fharpais thuige seo ri fhaicinn ann na Buidheann C nuair a bhuannaich an Tìr Ìosal le trì tadhail gu dhà an aghaidh a Ucrà in aig Andriy Shevchenko.
Thill na Ucrà inich gu bhi co-ionnan às dèidh dhaibh a dhol a dhà gu neoni air dheireadh, ach rinn an tadhal anmoch aig Denzel Dumfries cinnteach gun togadh 'Oranje' na puingean air fad. Deagh thoiseachadh dha na Dutsaich, ach ann am buidheann a tha nas laige na cuid dhe na buidheannan eile.
Còmhla ris na Dutsaich, tha an Ostair a' rinn an gnothach air Macedonia a Tuath le trì tadhail gu h-aon, anns a gheama eile anns a' chiad chuairt.
Tha druim là idir aig an Ostair le leithid David Alaba agus Marcel Sabitzer a tha nan sà r-chluicheadairean ann am Bundesliga na Gearmailt. Ach ged a tha deagh chothrom aca faighinn troimhe chun an ath chuairt, chan eil cus cothrom gun tig prìomh sgioba na Roinn-Eòrpa bho Bhuidheann C.
Bha cuideam air Sasainn ron chiad gheama aca ann an Buidheann D an aghaidh Croà isia, ach chaidh an là le Gareth Southgate agus a shioba. Rinn tadhal aig Raheem Sterling cinnteach gun togadh na Sasannaich na puingean.
Le sà r thalantan an leithid Phil Foden agus Jack Grealish cuideachd am measg an sgioba an turas seo, a bharrachd air cluicheadairean aghaidh mar Marcus Rashford agus Harry Kane, tha gunnaichean mòra aig Sasainn.
Thug Poblachd na Seice cothrom dhaibh pèin tighinn troimhe às dèidh dhaibh buannachadh le dà thadhal gu neoni aig Hampden. Bidh an geama acasan an aghaidh Croà isia - a' bhios feumach air puingean às dèidh call air a chiad là - cudromach dhan dà sgioba.
Chan e iad an Spà inn ach Slobhagia a tha aig bà rr buidheann E às dèidh aon gheama. Cha b'urrainn dha na Spà inntich aig Luis Enrique ach puing a thogail às aonais tadhal an aghaidh nan Suainich. Tha Enrique air feuchainn ginealach ùr a thoirt troimhe, ach chan eil coltas air an sgioba mar gun dean iad an gnothach air soirbheachadh mar a rinn sgiobaidhean Luis Aragonés (2008) agus Vicente del Bosque (2012).
Bha na Pòlainnich dòchasach a' tighinn a-mach as a bhuidheann seo, le Raibeart Lewandowski air a bhi cho fìor chunnartach do Bhayern Munich thairis air an t-seusan a chiadh seachad. 'S iad Slobhagia a thog na puingean nan aghaidh ge tà , le Grzegorz Krychowiak aig na Pòlainnich a' faighinn cairt dhearg. Mar a tha air tachairt aig farpaisean roimhe, tha na Pòlainnich air a bhi nan nà imhdean dhaibh pèin.
'S e Buidheann F 'Buidheann nam Mairbh' - le Portagail, an Fhraing agus a' Ghearmailt uile còmhla ris an Ungar anns a' bhuidheann. Bha fuam gu leòr ri chluinntinn aig am Puskás Aréna ann am Budapest le 60,000 neach-taic aig a' gheam eadar an Ungar agus Portagail. Ach bhuinneadh an là do ghaisgich na spòrs anns an 21mh linn seach am 20mh linn, le Cristiano Ronaldo a' stiùireadh a dhùthaich gu na trì puingean. Tha an leithid Bruno Fernandes a' cuir ri neartan Phortagail gu mòr.
Bha na Gearmailtich an-dòchas piseach fhaighinn anns a cho-fharpais mu dheireadh, ach tha na h-aon duilgheadasan a cuir maill air 'Die Mannschaft' 's a tha air a bhi aca bhon a bhuannaich iad Cupa na Cruinne. Cha robh coltas gun fhosgladh an leithid Leroy Sané neo Toni Kroos doras loidhne dìon na Frainge agus 'Les Bleus' a' buannachadh 1-0 le Mats Hummel a' cuir am ball dhan lìon aige fhèin. Dhe na fuamhairean anns a bhuidhinn seo, 's iad an Fhraing agus Portagail a tha a' coimhead geur.
Tha dà dhubh-fhacal eile aig na sgiobaidhean ri am freagairt anns na buidhnean. Coltach ri mar a sheinn Bocelli, cha bhi cus cadal aig cuid de sgiobaidhean anns an dà gheama ri thighinn agus iad feumach air dà fhuasgladh eile.