15 bliadhna sa phrìosan do Khim Avis

Tùs an deilbh, US Marshals

Chaidh fear a chleachd a bhith a' reic seudraidh air an t-sràid an Inbhir Nis a chur dhan phrìosan airson 15 bliadhna airson eucoirean feise a rinn e air a' Ghàidhealtachd eadar 2006 agus 2017.

Dh'fheuch Kim Avis ri ceartas a sheachnadh le bhith a' teicheadh dha na Stàitean agus le bhith a' toirt a chreids gun deach a bhàthadh ann an California.

Sgèith Avis, 57, a Los Angeles anns a' Ghearran 2019.

Naoi là às dèidh dha a dhol dha na Stàitean, thuirt a mhac ris na poilis an sin gun deach e a dhìth aig Tràigh Monastery, is e ag ràdh gun deach e a shnàmh 's nach do thill e.

Amharas

Chaidh sgrùdadh mòr a dhèanamh, ach cha deach a lorg, agus shaoil an siorraidh ionadail gun robh a' chùis amharasach.

Rinn an siorraidh rannsachadh agus fhuair e a-mach gun deach casaidean feiseil a chur an aghaidh Avis ann an Alba.

Còig mìosan às dèidh sin, chaidh a lorg ann an Colorado 1,300 mìle air falbh bho Thràigh Monastery.

Ciontach

Chaidh Avis fhaighinn ciontach de 14 casaidean, nam measg, gun do dh'èignich e triùir bhoireannach agus gun do dh'fheuch e ri tè èigneachadh nuair a bha i 12 bliadhna a dh'aois.

Chaidh fhaighinn ciontach cuideachd de ionnsaigh dhrabasta air nighean 11 bliadhna a dh'aois.