Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Lìg Leòdhais agus na Hearadh a' tilleadh
- Ù²µ³ó»å²¹°ù, Ruairidh A MacIllFhinnein
- Dreuchd, Ruairidh MacLennan
Tillidh ball-coise farpaiseach gu lèanagan Leòdhais agus na Hearadh air Dihaoine. Aig seachd uairean a dh'oidhche tòisichidh ceithir geamannan - a' comharrachadh toiseach a' chiad cho-fharpais aig na sgiobaidhean bho 2019.
Cuiridh sgioba Nis fà ilte air na Lochan, agus tha turas dhan a' Bhac gu bhi aig an Taobh Siar agus iad gu bhi ag amas an tiotal a bhuannaich iad ann an 2019 a dhìon.
Cluichidh United Steòrnabhaigh an aghaidh Cà rlabhagh, agus tachraidh an Rubha agus Athletic Steòrnabhaigh anns a' gheama eile. Bidh aig sgioba na Hearadh ri feitheamh airson an ath chuairt de gheamannan le naoi sgiobaidhean anns an lìog air an t-seusan seo.
Leis gu bheil na h-Eileanan an Iar ann an ìre 0 de dh-ìrean COVID-19 aig Riaghaltas na h-Alba, bidh cead aig luchd-taic falbh gu na geamannan anns an lìg.
Thug leas-chathraiche comunn ball-coise Leòdhais agus na Hearadh, Coinneach MacLeòid, beachd air seusan anns a bheil dòchas airson deagh bhall-coise agus à ireamhan mòra a' tighinn a dh'fhaicinn geamannan beò.
"Tha mi a' smaointinn gu bheil a h-uile duine a' coimhead air adhart ri seusan ùr a bhuill-coise a' tòiseachadh...tha fadachd air daoine gu faic iad geamannan farpaiseach ann an lìg Leòdhais agus na Hearadh a-rìthist as dèidh faisg air dà bhliadhna gun geamannan. Tha fios agam gu bheil na cluicheadairean agus an luchd-amhairc a' coimhead air adhart ri bhi faicinn geamannan a-rithist."
Le sgioba an Taobh Siar ag amas air an tiotal aca a dhìon anns an t-seusan ùr, tha am manaidsear acasan, Colin George Moireasdan, an dùil ri deagh fharpais eadar nan sgiobaidhean.
"Dh'fhaodadh sgiobaidhean nach eil thu a' smaointinn a tha dol a dhèanamh math a bhith tòrr nas là idire, agus dh'fhaodadh na sgiobaidhean a tha thu a' smaoineachadh a bhios là idir...'s dòcha nach bi iad buileach cho math. Tha e a' tachairt a h-uile bliadhna!'
As dèidh ùine cho fada air falbh, bidh e na adhbhar toileachais do gach cluicheadair agus neach-amhairc ball-coise farpaiseach fhaicinn air ais. Ach 's cinnteach gur iad puignean a bhios gach sgioba ag amas air cho luath 's a thòisicheas na geamannan fhèin.