Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Ross County a' fuireach sa Phrìomh Lìg
Le bhith a' dèanamh a' ghnothaich air Tobar na Mà thar 2-1 rinn Ross County cinnteach gum biodh iad a' cluich ann am Prìomh Lìg na h-Alba a-rithist an ath-sheusan.
A' cluich aig Fir Park feasgar na Sà baid cha robh gnothaichean a' coimhead ro dhòchasach do bhalaich Chounty nuair a chaill iad tadhal sa chiad leth.
Aig an aon à m bha Cille Mheà rnaig air thoiseach air Hamilton is a h-uile coltas ann gum biodh geama play-off an aghaidh Dhùn Dè air fà ire dha sgioba na Gà idhealtachd.
Ach thà inig tadhail bho Iain Vigurs agus Mìcheal Gardyne san dà rna leth a' ciallachadh gun cuireadh Ross County crìoch air an t-seusan san 10mh à ite agus sà bhailte sa phrìomh lìg uair eile.
³§Ã ²ú³ó²¹¾±±ô³Ù±ð
Cha robh a dhìth air County ach puing bhon gheama airson a bhith sà bhailte san lìg ach, a' cluich an aghaidh Thobar na Mà thar, nach do chaill geama aig an taigh bhon Ghearran agus aon turas sna seachd geamaichean mu dheireadh, cha robh gnothaichean a' coimhead ach cugallach.
"DÃ thadhal bho dhithis a tha air uiread a thoirt dhan chluba", thuirt manaidsear na sgioba Iain Hughes.
"Tadhal air leth bho Iain Vigurs agus bha Mìcheal Gardyne cho ciùin 's a ghabhas", thuirt Hughes.
'S e Cille Mheà rnaig a-nis a dh'fheumas Dùn Dè a chluich anns na play-offs airson an à ite mu dheireadh sa phrìomh lìg a dhearbhadh.
Ged a bhuannaich iad 2-0 an aghaidh Hamilton feasgar na SÃ baid cha robh sin gu diofar nuair a rinn Ross County an gnothach air Tobar na MÃ thar.
Thèid a' chiad gheam sna play-offs a cluich aig Dens Park Diardaoin, am 20mh là den Chèitean.