Thèid geamannan dearbhaidh pioramaid air adhart

Tùs an deilbh, SNS

Tiotal an deilbh, Chaidh Brora Rangers ainmeachadh mar an sgioba a bhuannaich Lìog na Gàidhealtachd thairis air an dà sheusan mu dheireadh.

Thèid geamannan dearbhaidh air adhart eadar Brora Rangers agus Kelty Hearts gus àite fhaighinn anns an SPFL.

Cluichidh an sgioba a bhuannaicheas an sgioba a th' aig bonn Lìg a Dhà airson àite anns an lìg sin.

Bhuannaich Brùra Lìg na Gàidhealtachd às dèidh dhaibh dìreach trì geamannan a chluich.

B' e 13 a chluich Kelty Hearts nuair a bhuannaich iad Lìg na Galltachd.

Dh'iarr an SPFL agus Comann Ball-coise na h-Alba comhairle laghail a thaobh an robh còir aca na lìgichean aca a bhuannachadh.

Dhearbh iad gun deach cumail ri riaghailtean agus gu bheil an dà chluba freagarrach airson an SPFL.

Bidh a' chiad ghèam ann am Brùra. Chan eil fhios fhathast cuine a thèid na geamannan a chluich.

Tha Brechin City an-dràsta aig bonn Lìg a Dhà, is iad ochd puingean air dheireadh air an sgioba a tha os an cionn.