'Feumaidh sinn freagairtean' - Hughes

Thuirt manaidsear Ross County gum feum an sgioba aige adhartas a dhèanamh san aithghearrachd às dèidh dhaibh call ri St Mirren oidhche Chiadain.

Rinn na Buddies an gnothach 3-1 ann an Inbhir Pheofharain is County a' tuiteam dhan dàrna àite bhon bhonn sa Phrìomh Lìog le dìreach trì geamaichean air fhàgail.

Bha sin a dh'aindeoin is mar a bha Jordan White air County a chur air thoiseach sa chiad leth.

Thàinig St Mirren air ais a-steach dhan gheama tràth san dàrna leth le tadhal bho Lee Erwin is e a' tilleadh dhan t-seann sgioba aige.

Measgaichte

Rinn tadhail bho Ilkay Durmus (71) is breab-peanais bho Jamie McGrath (92) cinnteach gun rachadh na puingean a Phàislig.

Bha na geamaichean eile car measgaichte bho shealladh Ross County.

Tha Hamaltan fhathast aig a' bhonn is iad air call 1-0 ri Tobar na Màthar, ach shreap Cill Mheàrnaig os cionn na Staggies le buaidh 3-0 an aghaidh Dundee United.

Mar sin, tha County an-dràsta san àite play-off 'son fuireach sa Phrìomh Lìog.

Tùs an deilbh, SNS

Tiotal an deilbh, Bha Lee Erwin air an targaid is e a' tilleadh gu Inbhir Pheofharain.

"Cha bhuannaich sinn geamaichean sam bith ma tha sinn a' call dhà no trì tadhail", thuirt Iain Hughes às dèidh làimh.

"Tha rudeigin ceàrr is feumaidh sinn coimhead ris.

"Feumaidh sinn freagairtean is fuasglaidhean agus tha mi an dòchas gun urrainn dhuinn an lorg", thuirt e.

Bidh beagan ùine aig Hughes a-nise gus meòrachadh air a' chùis is County gu bhith nan tàmh Disathairne.

Bunaiteach

Tillidh iad dhan phàirc seachdain Disathairne aig Tannadice an aghaidh Dundee United, is seusan na lìge an uairsin a' tighinn gu ceann le geamaichean an aghaidh Hamaltain is Tobar na Màthar.

Dh'innis Hughes gu bheil e fhathast misneachail nach tèid an sgioba aige sìos.

"'S e na tadhail a tha sinn a' call, tha iad ro shìmplidh.

"Chan eil ceist idir orm mu spiorad nan cluicheadairean is an oidhirp a tha iad a' dèanamh ach 's e na rudan bunaiteach a dh'fheumas sinn a dhèanamh ceart.

"Ma nì sinn sin, fuirichidh sinn san lìog seo", thuirt e.