Mac an t-Saoir aig na Masters

Tùs an deilbh, SNS

  • Ù²µ³ó»å²¹°ù, Dòmhnall Angaidh Moireasdan
  • Dreuchd, Fear-naidheachd

"Mar bhruadar a th' air tighinn beò."

Na facail aig Raibeart Mac an t-Saoir às dèidh dha dearbhadh fhaighinn gun robh e air a shlighe chun Na Masters ann an Augusta airson a' chiad turas.

Ceum mòr eile san turas sgoinneil tro shaoghal a' ghoilf a th' air a bhith aig a' chluicheadair òg às an Òban thuige seo.

Rookie na Bliadhna ann an 2019 nuair a chrìochnaich e san t-siathamh àite aig an Fharpais Fhosgailte aig Royal Portrush.

Dh'èirich e tro na rangannan chun na h-ìre is gun do choisinn e àite dha fhèin aig Farpais nan Stàitean Aonaichte agus an USPGA an-uiridh.

Adhartas

Ghnog e air an doras grunn thursan air Tour na h-Eòrpa, gus an do bhuannaich e a' chiad fharpais aige ann an Cìopras san t-Samhain.

Lean am form math agus ghluais e a-steach dha na prìomh 50 san t-saoghal. Leis gun robh e fhathast an sin an t-seachdain seo chaidh, b' e sin an tiocaid aige a dh'Augusta.

Tha fhios gum bi e nearbhasach air a' chiad tee Diardaoin - tha e fhèin air sin a ràdh - agus e cho mothachail air cho sònraichte 's a tha an t-àite agus an fharpais.

Ach a' coimhead air na aige agus an dòigh san do dhràibh iad sìos Magnolia Lane chun an raoin, uill, tha e follaiseach gu bheil iad a' feuchainn ri cùisean a chumail aotrom.

Bidh e cudromach dha cothromachadh a dhèanamh eadar a bhith a' gabhail a-steach a h-uile càil a tha a' tighinn an lùib a chiad Mhasters agus a bhith cho ullaichte 's a ghabhas airson a bhith farpaiseach an t-seachdain seo.

Oir tha na comasan aige a dhol aghaidh ri aghaidh leis na cluicheadairean as fheàrr air an t-saoghal.

Chunnaic sinn sin aig farpais an WGC Matchplay nuair a thàinig e am bàrr ann am buidheann anns an robh prìomh chluicheadair an t-saoghail Dustin Johnson, agus e a' crìochnachadh co-ionnan leis sa gheam eatarra.

Feumach air birdie airson faighinn troimhe, bha an dràibh aige gu trì troigh air an 18mh toll an aghaidh Adam Long am measg nan slaicean as fheàrr am-bliadhna.

An seòrsa slaic a chìthear ann an iomain. Spòrs a tha ann am fuil Mhic an t-Saoir agus a tha gu follaiseach air buaidh a thoirt air an swing nàdarra, saorsail aige.

Bidh an dòigh cluiche dàna aige na bhuannachd air cuid de thuill Augusta, gu h-àraidh na Par 5s far a bheil cothrom nas fheàrr air birdie fhaighinn.

Cearrag

Bidh fios aige fhèin ge-tà, gum feum e bhith nas fhaiceallaiche air tuill eile leithid an 11mh agus an 12mh nuair a tha par air a mheas mar sgòr mhath.

Ro-làimh agus thar nan ceithir làithean gheibh e cothrom tuigse nas fheàrr fhaighinn air an raon aig Augusta, ach dh'fhaodadh gu bheil aon rud na fhàbhar mar-thà; gu bheil e a' cluich leis a' chearraig.

Bhuannaich cluicheadairean cearraige an treas cuid dhe na 18 farpaisean Masters mu dheireadh (Mike Weir, Phil Mickelson x 3, Bubba Watson x 2).

Àireamh car àrd an coimeas ris an àireamh chluicheadairean air fad a tha a' cluich leis a' chearraig.

Tùs an deilbh, SNS

Thathas dhen bheachd gu bheil mar a tha mòran de na tuill aig Augusta a' gluasad bho dheas gu clì nas fhreagarraiche do chluicheadairean leis a' chearraig leis gu bheil e nas fhasa dhaibh am bàlla a ghluasad an taobh sin ("fade") na tha do chluicheadairean a tha a' bualadh bhon taobh eile ("draw").

'S ann a bha gach toll freagarrach dha Dustin Johnson san t-Samhain ge-tà, is e a' buannachadh Na Masters airson a' chiad uair leis an sgòr a b' ìsle a-riamh aig an fharpais.

Cha chuireadh mòran seachad air an tiotal a dhìon ach gun teagamh tha gu leòr eile às a dhèidh.

Tha seòrsa de dh'aiseirigh air a bhith aig Jordan Spieth o chionn ghoirid is e a' buannachadh ann an Texas an t-seachdain seo chaidh. B' e siud a' chiad fharpais a bhuannaich e bho 2017, ga fhàgail làn misneachd is e a' sireadh an dàrna seacaid uaine aige.

Tha Justin Thomas ann an deagh shunnd cuideachd às dèidh dha Farpais na Players a bhuannachadh.

·¡Ã²±ô²¹²õ

Agus tha fhios gum bi aire cuideachd air Rory McIlroy a tha uair eile a' feuchainn ris an aon mhajor nach eil aige fhathast a bhuannachadh. Tha esan air a bhith ag obair cruaidh leis a' choidse ainmeil Pete Cowan ann an oidhirp piseach a thoirt air an swing aige. 'S e tìde a dh'innseas a bheil gu leòr ùine air a bhith aca sin a dhèanamh neo bheil slighe ri dhol sa phròiseas sin fhathast.

Do Raibeart Mac an t-Saoir bidh e ag amas air a bhith cho farpaiseach 's a ghabhas agus cuideachd nas urrainn dha de dh'eòlas fhaighinn airson a chuideachadh an t-seachdain seo agus sna bliadhnaichean ri teachd.

Oir gun teagamh bidh e an dòchas nach e seo an aon Mhasters anns an cluich e.

Tòisichidh cùisean gu ceart agus thig bruadar Mhic an t-Saoir beò aig 16.42 an uair againne Diardaoin is e a' cluich le Mike Weir agus CT Pan.

'S e a' cheist, an robh seacaid uaine air aig deireadh a bhruadair?