Farpaisean na h-iomain dheth

Dhearbh Comann na Camanachd nach tèid gin de na farpaisean àbhaisteach aca air adhart am-bliadhna.

Dh'aontaich am bòrd-stiùiridh gach cupa agus na lìogaichean àbhaisteach a chur dheth.

Tha iad an dòchas ge-tà, lìogaichean sgìreil a chur air doigh uaireigin nas fhaide air a' bhliadhna ma bhios an cothrom ann.

Choinnich am bòrd-stiùiridh oidhche Ardaoin is iad a' beachdachadh air an fhiosrachadh às ùr bho Riaghaltas na h-Alba.

Comhairle

Thuirt iad gun do ghabh iad comhairle cuideachd bho sportscotland agus bhon Dr John Wallace, a tha ag obair còmhla ri sgioba nàiseanta na h-Alba agus Cill Mhàillidh.

Thuirt an Comann nach bi cothrom air na bacaidhean a th' ann le astarachadh sòisealta a thogail gu Ìre 4 ann am plana an Riaghaltais 'son tighinn à lockdown, is gu bheil obair a' leantainn feuch dè a' bhuaidh a bheir sin air spòrs mar iomain.

Tha e follaiseach ge-tà, thuirt iad, nach urrainn dhaibh na farpaisean aca a thòiseachadh.

Dh'innis iad mar sin gur ann le aithreachas a rinn iad co-dhùnadh na farpaisean a chur dheth.

³§Ã ²ú³ó²¹¾±±ô³Ù±ð²¹³¦³ó»å

Thuirt iad gur e sàbhailtachd choimhearsnachdan an rud as cudromaiche dhaibh.

"Bha sinn 'son soillearachadh a thoirt dha na clubaichean ach cuideachd airson sealltainn cho cudromach 's a tha e dhuinn gun tèid ar coimhearsnachdan a dhìon", thuirt Ceann-suidhe Chomann na Camanachd, Keith Loades.

"Chan urrainn dhuinn farpaisean a chur air dòigh gus am bi e sàbhailte sin a dhèanamh, is gus am bi clubaichean is oifigich comhurtfail tòiseachadh", thuirt e.

Thuirt an Comann gum feumar a dhol tro ghrunn ìrean ann am plana Riaghaltas na h-Alba mus biodh cothrom aig iomain tilleadh, is gum feumadh iad coimhead aig an àm sin air na bhiodh aca de dh'ùine agus mar a ghabhadh siubhal eadar coimhearsnachdan a lùghdachadh.

Dh'innis iad gu bheil iad dòchasach gum bi adhartas ann ge-tà, is gun coimhead iad air lìogaichean sgìreil a stèidheachadh nuair a bhios e sàbhailte sin a dhèanamh.