Ceathrar a' fàgail County

Tùs an deilbh, SNS

Tiotal an deilbh, Tha Richard Foster am measg na bhios a' fàgail Ross County.

Dh'innis Ross County gum bi co-dhiù ceathrar bhon chiad sgioba a' fàgail a' chlub.

Dhearbh iad nach deach cùmhnantan ùra a thabhainn air Lewis Spence, Sean Kelly, Declan McManus is Richard Foster.

A thaobh an fheadhainn eile a bha a-mach à cùmhnant, bidh Tom Grivosti is Harry Paton a' fuireach ann an Inbhir Pheofharain, is tha County a' feitheamh fios bho Marcus Friseal is Callum Morris mu na cùmhnantan a chaidh a thabhainn orra.

Bidh sreath de chluicheadairean bhon dàrna sgioba cuideachd a' fàgail County.

'S iad sin: Tommy Dixon-Hodge, Jack Moireach, Seumas Uallas, Declan Hughes, Joel MacBeath, Griogar Dòmhnallach, Jack Grannd, Thomas Brady, Tom Kelly agus Ruari Friseal.

Taing

"Tha sinn a' toirt taing dha Lewis, Sean, Declan is Richard airson gach seirbheis a thug iad dhan chlub", thuirt co-mhanaidsearan Chounty, Stiùbhart Kettlewell is Steafan Fearghasdan.

"Tha sinn a' guidhe gach soirbheachas dhaibh is bidh fàilte orra an seo an còmhnaidh.

"'S ann le aithreachas a tha sinn a' leigeil air falbh cuid de na cluicheadairean òga againn. Chuir feadhainn dhiubh ùine nach beag seachad an seo is tha sinn a' guidhe gach soirbheachas dhaibh", thuirt iad.

Gheall iad barrachd fiosrachaidh anns na làithean ri thighinn.

Bha Richard Foster air iarraidh an t-seachdain seo chaidh gun dèanadh clubaichean leudachadh air cùmhnantan chluicheadairean, seach "co-dhùnadh gòrach" a dhèanamh an leigeil air falbh.

Thuirt Foster gum bu chòir do chlubaichean cùmhnantan a shìneadh gus am b'urrainn do chluicheadairean fuireach air sgeama fòrlaidh an riaghaltais.

Comhairle

Mhìnich cathraiche Ross County, Roy MacGriogair, gun robh an club air comhairle iarraidh bho luchd-lagha agus bho Roinn nan Cìsean, is gum biodh e "dùbhlanach" cluicheadairean a chumail agus a chur air sgeama an riaghaltais nuair nach biodh County air na cùmhnantan aca a shìneadh ann an suidheachadh àbhaisteach.

Thuirt Mgr MacMacGriogair gum biodh e "mì-onarach" is nach deach an sgeama a chur air chòis air an adhbhar sin.

Aig an dearbh àm, dh'innis Mgr MacGriogair gum feum clubaichean na h-Alba tarraing còmhla gus faighinn tron staing a th' ann.

Thuirt e gu bheil dragh mòr air mu aithrisean gu bheil cunnart ann nach bi làn sheusan san Championship nuair a thilleas ball-coise.

"Feumaidh na clubaichean uile, na 42 dhuibh, tighinn ri chèile agus dòigh a lorg gus am bi ball-coise buan", thuirt e.