Prìomh fhiosrachadh
'S e stuth organach bho lusan is bheathaichean a th' ann am bith-thomad. Gabhaidh seo a chleachdadh mar bhun-lùtha.
Gabhaidh far-stuthan bho choilltearachd, lusan agus sgudal bheathaichean bho thuathanasan, fiù 's òtrachas agus cuid de sgudal bho lìonadh-talmhainn a losgadh na chonnadh no a chleachdadh airson dealan a ghintinn.
Lùth bith-thomaid agus a' bhuaidh aige
Mar a tha bith-chonnadh ag obrachadh
An aon rud ri connadh-fosailConnadh a tha a' tighinn às an Talamh. 'S e seann rudan a bha beò uaireigin agus a tha air lobhadh agus air dlùthadh thar ùine mhòr fon talamh no fon mhuir a th' ann an connaidhean-fosail. Tha gual, ola agus gas nan connaidhean-fosail., mar gual no gas, tha tòrr lùth ceimigeach ann am bith-thomad. Gabhaidh bith-thomad a ghiullachd gu bhith na dhiofar bhunan-lùtha:
- Gabhaidh bith-chonnaidhean a tha nan lionn, mar bith-eatanol, a chleachdadh ann an càraichean agus còmhdhail eile, an aon rud ri peatroil agus dìosail.
- Gabhaidh bith-chonnaidhean cruaidh mar na peileidean fiodha a losgadh airson dachaighean agus togalaichean eile a theasachadh no airson dealan a ghintinn.
- Gabhaidh bith-ghas, glè thric measgachadh de à agus de charbon dà-ogsaid, a losgadh airson teasachadh no airson dealan a ghintinn.
Tha stèiseanan cumhachd bith-thomaid ag obrachadh san aon dòigh ri stèiseanan cumhachd-fosail:
- Bidh bith-thomad ga losgadh agus a' cur a-mach teas – tha lùth ceimigeach air aiseag gu bhith na lùth teas.
- Tha an teas ga chleachdadh airson uisge a ghoil gus stioma a chruthachadh.
- Tha an stioma a' meudachadh agus a' cruthachadh bruthadh a thionndaidheas tuirbin'S e inneal a th' ann an tuirbin a bhios ag atharrachadh gluasad lionn no gas gu bhith na lùth a ghabhas a chleachdadh. Ann an tuirbin sìmplidh bidh uisge no èadhar a' putadh an aghaidh lannan an tuirbin agus a' cur car dhiubh. Nuair a bhios na lannan a' cur car, bidh iad a' tionndadh pòla fada ris an canar crann. Faodaidh an crann an uair sin pìosan eile de dh'innealradh a thionndadh, mar gineadair a tha air a chleachdadh airson dealan a ghintinn. - tha lùth teas air aiseag gu bhith na lùth cineataigeach.
- Tha na tuirbinean a' tionndadh ghineadairean anns a bheil eileagtromhagnaitean. Tha seo a' cruthachadh sruth dealain - tha lùth cineataigeach air aiseag gu bhith na lùth dealain.
- Tha dealan a' dol chun a' ghriod airson a chleachdadh aig an taigh, aig an obair no san sgoil.
Factaran suidheachaidh
An aon rud ri connaidhean-fosail, tha connaidhean bith-thomaid furasta an giùlan.
Gabhaidh bith-chonnaidhean a tha cruaidh, nan leann no nan gas a ghiùlan air an rathad, air an rèile no air bàta. Ann an cuid a dh'àitichean tha bith-ghas air a ghiùlan ann am ìDz gu far a bheil feum air.
Glè thric, bidh na h-ionadan airson a bhith a' giullachd agus a' losgadh bhith-chonnaidhean faisg air far a bheil bun an lùth a' fàs, mar eisimpleir faisg air coilltean fiodha no planntachasan cuilc-shiùcair. Chan eil mar sin uiread a dh'fheum air còmhdhail.
'S e Stèisean Cumhachd Steven's Croft, faisg air Locarbaidh, Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh, an stèisean cumhachd bith-thomaid as motha san RA. 'S e sgudal bho ghnìomhachas ionadail an fhiodha a tha sa chuid as motha dhen chonnadh a bhios e a' losgadh.
Tha Stèisean Cumhachd Steven's Croft a' dèanamh an dà chuid dealan agus lùth teas do dhachaighean agus do ghnìomhachas ionadail, agus tha e cuideachd a' cur dealan ris a' Ghriod Nàiseanta.
Mar as trice, bidh stèiseanan measgaichte de chumhachd 's de theas, a bhios a' cruthachadh dealan agus teas bho bhith a' losgadh sgudal, faisg air na bailtean agus na mòr-bhailtean anns a bheil an sgudal air a chruthachadh. Feumaidh iad a bhith faisg air deagh cheanglaichean còmhdhail. Far a bheil taigheadas faisg, gabhaidh an teas a thèid a dhèanamh a chur gu dìreach ann am ìDz mar phàirt de shiostam teasachaidh na sgìre.
Sgrùdadh cùise: bith-eatanol ann am Brasil
Gabhaidh siùcair bho lusan atharrachadh gu eatanol agus carbon dà-ogsaid ann am pròiseas ris an canar brachadhAnalachadh neo-aereobach a bhios a' tachairt ann am beirm agus ann am bacteria anns a bheil glùcos air a bhriseadh sìos na alcol (eatanol) agus carbon dà-ogsaid, a' leigeil lùth mu sgaoil. a' cleachdadh nam beirmearan ann am beirm. Tha eatanol uabhasach lasanta; 's e stòr de lùth ceimigeach a th' ann a tha ag atharrachadh gu diofar sheòrsaichean lùth (teas nam measg) nuair a thèid a losgadh.
Nuair a thig eatanol bho lus, faodar a ràdh gur e bith-chonnadh a th' ann.
Ann an cuid a dhùthchannan, mar Brasil, 's e cuilc-shiùcair am bun-lùth aig siùcar, agus thèid aig beirm air a bhrachadh gu dìreach gu eatanol. Tha Brasil air a bhith a' cleachdadh bith-eatanol mar chonnadh ann an càraichean bho na 1970an. Tha Brasil a' fàs tòrr cuilc-shiùcair agus tha mar sin gu leòr ri fhaotainn an-còmhnaidh airson a dhèanamh na eatanol.
Gabhaidh bith-eatanol a losgadh ann an einnsean càir, ach tha feum air beagan atharrachaidh a dhèanamh air an einnsean. Thèid aig einnseanan peatroil an latha an-diugh air peatroil le suas gu 10% de eatanol a chleachdadh gun fheum air atharrachadh, agus tha eatanol sa mhòr-chuid dhen pheatroil a tha ga reic san RA.
Ann am Brasil, bidh iad tric a' cleachdadh connadh sa bheil 25% eatanol agus 75% peatroil ged a tha cuid de chàraichean a' ruith air 100% eatanol.
Seo aon dòigh air connadh-fosailConnadh a tha a' tighinn às an Talamh. 'S e seann rudan a bha beò uaireigin agus a tha air lobhadh agus air dlùthadh thar ùine mhòr fon talamh no fon mhuir a th' ann an connaidhean-fosail. Tha gual, ola agus gas nan connaidhean-fosail. a thoirt à diofar sheòrsaichean còmhdhail. Tha seo ag obrachadh gu math ann am Brasil chionn tha a' ghnàth-shìde freagarrach airson cuilc-shiùcair fhàs agus tha peatroil daor agus feumar a thoirt a-steach dhan dùthaich.
Seasmhachd chonnaidhean bith-thomaid
Airson gum bi seasmhachd againn san àm ri teachd, feumar smaoineachadh air feumalachdan an latha an-diugh a shàsachadh agus an àԲԱ agus ò a dhìon airson an àm ri teachd.
Gabhaidh bith-chonnadh a chleachdadh ann an dòighean gu math coltach ri connaidhean-fosail. Mar sin, dh'fhaodadh e bhith feumail ann a bhith a' gearradh sìos air na tha sinn a' cladhach agus a' losgadh de chonnaidhean-fosail.
Tha e math sgudal atharrachadh gu lùth le bhith a' cleachdadh bith-thomad chionn faodaidh sinn sgudal ath-chuairteachadh agus a bhith beò ann an dòigh nas seasmhaiche.
Ma dh'atharraicheas sinn sgudal gu bhith na bhith-chonnadh, dh'fhaodadh nach tèid uiread gu lìonadh-talmhainn a tha ag adhbharachadh a' ghas taigh-glainne à.
Tha bith-chonnadh ath-nuadhachail bhon a dh'fhàsas tuilleadh lusan an àite feadhainn a chaidh a chleachdadh airson a dhèanamh. Mas ann bho shalchar dhaoine no bheathaichean a thàinig e, tha stuth eile a' dol nan àite sin cuideachd fad na h-ùine.
Ach 's dòcha nach bi bith-chonnadh seasmhach chionn faodaidh gun caillear fearann le bhith a' fàs bharran airson bith-chonnadh a bhitheamaid air a chleachdadh airson biadh a dhèanamh, no a bhiodh air fhàgail fiadhaich. Chanadh mòran dhaoine gur e biadh as cudromaiche agus gum bu chòir a bhith a' fàs connadh ann an àitichean anns nach fàsadh barran eile. Mar eisimpleir, gabhaidh muran no agave fhàs airson connadh ann an sgìrean a tha ro thioram do dh'iomadh lus.
Fiù 's nuair a thèid rudan an àite barran bith-chonnaidh, tha iad fhathast a' toirt mathachadh às an ùir. Cuideachd, faodaidh todhar agus stuthan-phlàighean airson am fàs cur ri teasachadh cruinneil agus àԲԱan ionadail a mhilleadh.
Buannachdan agus eas-bhuannachdan bith-chonnaidh
Buannachdan
- Tha bith-chonnadh ath-nuadhachail bhon a tha sgudal againn an-còmhnaidh. Gabhaidh barran fhàs a dh'aon ghnothaich airson bith-chonnadh seach a bhith a' cleachdadh connadh-fosailConnadh a tha a' tighinn às an Talamh. 'S e seann rudan a bha beò uaireigin agus a tha air lobhadh agus air dlùthadh thar ùine mhòr fon talamh no fon mhuir a th' ann an connaidhean-fosail. Tha gual, ola agus gas nan connaidhean-fosail.
- Tha bith-thomad saor agus furasta fhaotainn
- Ged a tha bith-chonnaidhean a' leigeil carbon dà-ogsaid mu sgaoil nuair a thèid an losgadh, tha na lusan bho bheil iad air an dèanamh a' sùghadh an aon uiread de charbon dà-ogsaid nuair a tha iad a' fàs
Eas-bhuannachdan
- Tha bith-thomad air a losgadh agus a' leigeil carbon dà-ogsaid mu sgaoil dhan àile agus tha sin a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde
- Nuair a tha barran gam fàs airson bith-chonnadh, tha iad a' cleachdadh fearann a ghabhadh a chleachdadh airson bharran eile no fiadh-bheatha. Faodaidh dèanamh bhith-chonnaidhean bith-iomadachdNa tha de lusan agus de bheathaichean air an t-saoghal no ann an sgìre shònraichte. Thathar a' meas gur e deagh rud a th' ann an tòrr bith-iomadachd. a lùghdachadh agus mathachadh a thoirt às an ùir a ghabhadh cleachdadh airson biadh fhàs
- Tha adhbhar moralta aig cuid de dhaoine an aghaidh a bhith a' cleachdadh bharran bìdh airson connadh a dhèanamh. Mar eisimpleir, dh'fhaodadh e cuid de bhiadh a dhèanamh gann no prìsean bìdh a chur suas
Feuch dè nas aithne dhut
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count3 of 12
- count4 of 12
- count5 of 12
- count6 of 12