Dè na cumhachdan a tha aig Pàrlamaid na h-Alba agus Pàrlamaid na RA?
Chaidh Pàrlamaid na h-Alba a chruthachadh le lagh ris an canar Achd na h-Alba (1998). Stèidhich an lagh seo cuideachd na cumhachdan a tha aig Pàrlamaid na h-Alba. Chaidh cumhachdan a bharrachd a chur rithe ann an Achd na h-Alba (2016).
Tha Pàrlamaid na h-Alba a' faighinn buidseat bliadhnail agus tha cumhachd aig Pàrlamaid na h-Alba laghan a dhèanamh air cùisean tiomnaichte. Ach bidh Pàrlamaid na RA fhathast a' dèanamh cho-dhùnaidhean do dh'Alba ann an cuid de raointean. Canar cumhachdan glèidhte riutha sin.
Dè na cumhachdan a tha tiomnaichte gu Pàrlamaid na h-Alba?
- Slàinte - Seirbheis na Slàinte ann an Alba (ospadalan, seirbheisean dotair agus msaa)
- Foghlam - sgoiltean-àraich, sgoiltean, colaistean agus oilthighean
- Riaghaltas ionadail – dleastanas airson 32 de chomhairlean ionadail seirbheisean a lìbhrigeadh leithid glanadh, rathaidean agus cùram sòisealta
- Lagh agus Cùisean na Dùthcha - lagh eucorach, lagh catharra, am poileas, seirbheisean cùirte is prìosain, an t-seirbheis smàlaidh
- An Àrainneachd – dìon na h-àrainneachd, bacadh thuiltean agus msaa
- Spòrs agus na h-Ealain – a' brosnachadh spòrs, taighean-tasgaidh, togalaichean eachdraidheil agus msaa
- Tèarainteachd Shòisealta – cuid de chumhachdan air sochairean a bharrachadh
- Cìsean – smachd air pàirt de chìs cosnaidh agus Cìs Luach Leasaichte (VAT) na h-Alba
Dè na cumhachdan a tha glèidhte aig Pàrlamaid na RA?
- Cùisean Bun-reachdail – co-dhùnaidhean air fèin-riaghladh do dh'Alba, a' Chuimrigh is Èirinn a Tuath
- Dìon – An t-Arm, An Cabhlach Rìoghail agus Feachd Rìoghail an Adhair
- Poileasaidh Cèin – dàimh ri dùthchannan eile, me An t-Aonadh Eòrpach no Na Stàitean Aonaichte
- Prìomh Phoileasaidh Eaconamach – cuid de chìsean, leithid cìsean gnìomhachais
- Tèarainteachd Shòisealta – ìre agus làn-chòir shochairean
- Eile – in-imrich, casg-breith agus smachd air drogaichean