91ȱ

Prìomh fhiosrachadh

Tha lùth cineataigeach ann an tonnan. Le bhith a' cleachdadh thuirbinean, gabhaidh an lùth cineataigeach ann an tonnan aiseag gu bhith na lùth dealain.

Cha bhi lùth nan tonnan a' cleachdadh sgath connaidh agus, mar sin, tha e na bhun math airson lùth glan, ath-nuadhachail.

Ged a tha an teicneòlas fhathast ga leasachadh, tha còrr is 6,000 mìle de chladaichean ann an Alba, agus an comas tòrr dealain a ghintinn bho lùth nan tonnan.

Tuinn a' bualadh air tràigh

Lùth nan tonnan agus a' bhuaidh aige

Faigh a-mach mar a ghabhas lùth nan tonnan a chleachdadh airson dealan a ghintinn dha na dachaighean againn.

Tha a' mhòr-chuid de thonnan air an adhbharachadh le gaoth a' sèideadh thar uachdar na mara. Bidh ùٳ-ܲٳ󲹾 bho èadhar a tha a' gluasad a' tarraing uisge agus bidh e a' cruthachadh thonnan beaga agus mòra.

Mar as fhaide a shiubhaileas tonnan le gaoth a' sèideadh thairis orra airson ùine mhòr, 's ann as àirde a bhios iad a' fàs agus 's ann as motha de lùth cineataigeach a bhios annta. Gabhaidh an lùth cineataigeach seo aiseag gu bhith na lùth dealain.

Ciamar a tha e ag obrachadh?

Diagram a' sealltainn mar a tha gineadairean lùth thonnan ag obrachadh

Tha tonnan air an cruthachadh nuair a bhios a' ghaoth a' sèideadh thar uachdar an uisge. Mar as motha a' ghaoth, 's ann as motha na tonnan.

Agus mar as motha na tonnan, 's ann as motha a bhios annta de lùth cineataigeach.

Gabhaidh lùth cineataigeach aiseag gu bhith na lùth dealain le bhith a' cleachdadh thuirbinean a bhios an urra ri gluasad nan tonnan. Bidh na tuirbinean ag aiseag an lùth chineataigich seo gu gineadairean. Nuair a thionndaidheas na gineadairean, aisigidh iad an lùth cineataigeach gu bhith na lùth dealain.

Tha iomadh seòrsa uidheim ann a bhios ag atharrachadh lùth nan tonnan gu dealan. 'S e trì dhiubh attenuatoran, absorbairean agus luaisgeanairean. Ged a tha iad a' coimhead eadar-dhealaichte, tha iad uile ag obrachadh a rèir nan aon aiseagan lùth.

Thoir sùil air an taisbeanadh agus gheibh thu a-mach mar a tha iad uile ag obrachadh.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 6, , Attenuator Tha attenuator coltach ri nathair mhòr a bhios a' seòladh air uachdar an uisge. Tha e air a dhèanamh suas de dhiofar phàirtean air an ceangal còmhla ann an loidhne fhada le cheann a' coimhead a-steach dha na tuinn. (Pelamis Wave Power)

Factaran suidheachaidh

Gineadair lùth thonnan Pelamis P2 san doca ann an Lyness, Hoy, Arcaibh
Image caption,
Gineadair lùth thonnan Pelamis P2 san doca ann an Lyness, Hoy, Arcaibh, Alba.

Airson dealan a ghintinn bho thonnan, feumaidh tu an toiseach tonnan – agus gu leòr dhiubh!

'S e deagh àite a th' ann an Alba airson lùth nan tonnan a leasachadh:

  • Tha ceann a tuath agus taobh an iar Alba fosgailte do ghaoth agus do thonnan a shiubhail astaran mòra thar an Atlantaig a Tuath
  • Anns a' gheamhradh agus as t-fhoghar bidh glè thric gaothan làidir agus tonnan mòra air an taobh an ear
  • Cuideachd, tha mòran einnseanairean eòlach ann an Alba a tha air chomas obrachadh leis an t-seòrsa teicneòlais seo.

Seasmhachd

Airson seasmhachd san àm ri teachd, feumaidh tu smaoineachadh air feumalachdan an latha an-diugh a choinneachadh agus an àԲԱ𲹳 agus ò a dhìon airson an àm ri teachd.

Chaidh na milleanan notaichean a chur ri lùth nan tonnan a rannsachadh agus a leasachadh ann an Alba, ach an-dràsta, thathar fhathast a' lorg an teicneòlais as fheàrr airson an obair a dhèanamh, agus, aig an àm seo, chan eil sinn a' gintinn mòran lùth bho na tonnan.

Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth nan tonnan

Buannachdan

  • Tha lùth nan tonnan ath-nuadhachail oir chan eil feum air connadh sam bith. Chan eil feum air càil ach gaoth agus uisge.
  • Tha gaoth agus uisge an-asgaidh, nàdarra agus cha teirig iad.
  • Tha e glan oir chan eil iad ag adhbharachadh truailleadh sam bith.
  • Aon uair 's gu bheil e air a stèidheachadh, tha na cosgaisean ìosal.

Eas-bhuannachdan

  • Nuair a thèid tuirbinean thonnan a thogail, tha cosgaisean togail mòr ann an toiseach.
  • Faodaidh cuideachd buaidh mhillteach a bhith aca air eag-shiostaman mara ionadail.
  • Faodaidh tuirbinean maill a chur air slighean mara.
  • Tha cuid dhen bheachd gu bheil tuirbinean a' milleadh bòidhchead nàdarra nan cladaichean.
  • Chan e bun-lùth earbsach a th' ann chionn cha bhi gaoth no tonnan ann air latha ciùin.

Feuch dè nas aithne dhut

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic