Air ùrachadh: 4 Am Faoilleach 2022
Tha còraichean agad mu choinneamh a bhith a’ gluasad dàta. Faodaidh tu d' fhiosrachadh pearsanta iarraidh oirnn agus a thoirt a-nuas gu h-eileagtronaigeach, ach an urrainn dhut:
- A ghluasad
- Lethbreac a dhèanamh no
- A chumail dhut fhèin
Ma tha cunntas 91Èȱ¬ agad
Feumaidh tu iarrtas a chur thugainn a dh’fhaicinn dè am fiosrachadh mud dheidhinn a th’ air do chunntas 91Èȱ¬. Faodaidh tu an uairsin a chur gu companaidh eile nam biodh tu airson seo a dhèanamh.
Dè mu dheidhinn fiosrachadh eile?
Tha sin a rèir ‘s co mu dheidhinn a tha thu a' faighneachd. Feumaidh tu fios a chur thugainn agus barrachd fiosrachaidh a thoirt dhuinn gus ar cuideachadh ann a bhith a’ lorg. A rèir ’s dè th' ann, faodaidh sinn feuchainn ri chur thugad ach an tèid agad air a sgaoileadh gu companaidh eile.
Cuimhnich, nuair a thilleas sinn thugad, ‘s dòcha gu feum sinn nì-aithneachaidh air choireigin bhuat airson dearbhadh gur tu da-rìreabh a th' ann.
'S dòcha gum bi amannan ann far nach urrainn dhuinn d' iarrtas a choileanadh.