91Èȱ¬

Dè na puist-dealain agus na fiosan-naidheachd a chuireas am 91Èȱ¬ thugam?

Air ùrachadh: 10 An Cèitean 2022

Nuair a chlàraicheas tu, iarraidh sinn cead puist-dealain a chur thugad. Ma dh’aontaicheas tu, gheibh thu fiosan-naidheachd mu na prògraman as ùire, seirbheisean is eile bho air feadh a’ BhBC. Uaireannan bidh d’ fhios-naidheachd pearsaichte dhut, stèidhichte air mar a chleachd thu apps agus làraich-lìn a’ BhBC fad ’s a bha thu air do logadh a-steach.

An còrdadh seo riut? Faodar fo-sgrìobhadh chun na fiosan-naidheachd an seo.

Ma tha thu fo aois 16, feumaidh tu cead bho phàrant no neach-cùraim.

Fiosan-naidheachd eile ris am faodadh tu fo-sgrìobhadh

  • 91Èȱ¬ News Daily - fo-sgrìobh chun fhios-naidheachd againn airson Naidheachdan a’ BhBC fhaighinn dìreach gud phuist-d, gach madainn seachdaineil
  • 91Èȱ¬ World Service - thoir sùil air an t-saoghal nach eil thar nan cinn-naidheachd le fios-naidheachd an World Service
  • 91Èȱ¬ Media Action - 's e 91Èȱ¬ Media Action carthannas eadar-nàiseanta a’ BhBC – tha sinn a’ creidsinn anns na meadhanan agus conaltradh airson maith dhaoine

Tha fiosan-naidheachd ann cuideachd mu sheirbheisean sònraichte 91Èȱ¬, leithid prògram no sianal. Faodaidh tu fo-sgrìobhadh fhad ’s a tha thu a’ brobhsadh.

Tha cuid de phuist-dealain deatamach

Mar eisimpleir, puist-dealain airson d’ fhacal-faire ùrachadh no do sheòladh puist-dealain a dhearbhadh. Cha chuir sinn puist-dealain mar sin thugad ach nuair a tha iad èiseil.

Chan eil thu ag iarraidh fios-naidheachd tuilleadh?

Faodaidh tu stad a chur air fiosan-naidheachd aig àm sam bith. Dìreach cliog air a’ cheangal aig bonn a’ phuist-dealain.

Airson puist-d 91Èȱ¬ dhut fhèin agus fiosan-naidheachd 91Èȱ¬ News Daily, faodaidh tu fo-sgrìobhadh no an stad tro .

Air taobh a-muigh na RA?

Air taobh a-muigh na RA, tha seirbheisean a’ BhBC air am maoineachadh gu coimeirsealta. Ma tha thu air cead air leth a thoirt don roinn mhalairteach againn, 91Èȱ¬ Global News, dh’fhaodadh iad brath a chur thugad mu bhathar no seirbheisean a’ 91Èȱ¬.

Cuideachd, ma dh’fhaoidte nach bi e comasach dhut gach fios-naidheachd a tha ri fhaotainn san RA fhaighinn.

Tha do dhàta dìomhair

Nuair a bhios sinn a’ cleachdadh bhuidhnean eile airson fiosan-naidheachd a sgaoileadh às ar leth, bidh do sheòladh puist-dealain daonnan tèarainte. Faigh a-mach tuilleadh mu d’ fhiosrachadh agus do phrìobhaideachd.

Change language: