Anns a' phrògram chaidh Coinneach Iain MacAoidh à Barabhas, Leòdhas agus Coinneach Iain Mac a' Ghobhainn à Iarsiadar, Leòdhas, a-mach air oidhche bhrèagha, ach fuar, reòta, a shealltainn air na rionnagan. Bha seo aig fìor dheireadh 1997.
C.I. MacAoidh: Tha e an-drà sta timcheall ochd uairean. Nam biodh tu 'n-drà sta a-muigh mu leth-uair an dèidh còig chitheadh tu Bhèineas agus Mà rs, Iupadar agus Satharn aig an à m seo dhen bhliadhna. Agus bha e annasach na ceithir a bhith còmhla ri chèile faisg air as an aon à ite.
Agus bha sinn a' bruidhinn air A' Chrann a-chianamh. 'S e An Crann a bh' air a chunntadh uaireigin. 'S ann às a gheibheadh tu an Reul Tuath, no am Pole Star, na dhà mu dheireadh ac'. Bha thu dìreach a' leantainn as a' loidhne sin agus thigeadh tu chun a' Phole Star.
Sin a bhiodh iad, muinntir na mara, a' dèanamh riamh gun d' thà inig na h-aids a th' aca an-diugh. Aon uair 's gu lorgadh iad sin, dhèanadh iad a-mach cà ite an robh an ear 's an iar agus deas.
C.I. Mac a' Ghobhainn: 'S tha mi smaoineachadh a-nis gum biodh luchd na mara, gu h-à raid an fheadhainn a bhiodh a-muigh le lìn-mhòra 's lìn-bheaga, nam biodh iad a-muigh air feadh na h-oidhche, nam biodh cur aca feadh na h-oidhche, gum biodh iad a' gabhail ealla ris A' Chrann cuideachd.
Nise tha An Grioglachan, 's e sin buncha de rionnagan.
Chì sinn iad glè thric as an à ird an ear-dheas agus tha 'd mar gum biodh iad a' gluasad. Tha'd faisg air a chèile. Nise, chan eil fios agamsa dè an t-ainm a th' orra as a' Bheurla ach siud an t-ainm a th' orra as a' Ghà idhlig. An Grioglachan. Agus bhiodh na seann dhaoine a' cumail a-mach nam biodh reothadh ann, gum biodh iad a' deà lradh na bu bhright, a' gluasad na bu bhright.
Bha tèile, rionnag an earbaill, bha 'd sin ann gu math tric, as a' gheamhradh gu h-à raid. Fear a bha ri mo thaobh bha e ag innse dhomh gun d'thà inig e fhèin is m'athair, gu robh iad a' tighinn à Crùlabhig, à cèilidh, oidhche, 's gun d'thà inig rionnag an earbaill cho faisg orra 's an dol seachad a bh' aice 's gun d' rinn i an talamh soilleir air am beulaibh.
Bha fear eile a bha na mhaighstir-sgoile an Cà rlabhagh ris an canadh iad Raghnall 's tha e coltach gu robh e muigh as an doras mas deach e dhan leabaidh. Agus bhiodh e man a' mheadhan-oidhche. Agus chunnaic e rionnag an earbaill neo-à bhaisteach mòr a' tighinn às an à ird an ear dhan à ird an iar-thuath 's chaidh i sìos dhan mhuir pìos an iar-thuath air Crà gam. 'S bha e ag rà dh a' splais a rinn i ann a shin nuair a chaidh i dhan mhuir, nam biodh e air bualadh ann an à ite ann an tìr, gur h-iongantach man a robh i air call a dhèanamh. Tha e coltach gu fac' e siud.
Nise bha tèile, rionnag a' bhuachaille, tè dhen chiad fheadhainn a chì thu as an adhar agus 's e is coireach gum biodh rionnag a' bhuachaille againn oirre - nuair a bhithist aig a' chrodh, bha strict orders ga thoirt nach fhaodadh an crodh a thighinn dhachaidh trà th agus 's ann nuair a chitheadh tu a’ rionnag ud a' nochdadh air a' horizon 's ann a bhathas a’ leigeil cead leat a dhol dhachaidh leis a' chrodh. Agus 's e rionnag a' bhuachaille a th' oirre.
C.I. MacAoidh: As an latha sin bha 'n dòigh-beatha a bh' aca, man a bha h-uile duine a' cumail crodh, bhiodh iad a' dol chun a' chladaich a dh'iarraidh langadar agus dh'fheumadh fios a bhith aca cuin a bhiodh an trà igh ann, cuin a bha an là n ann 's cuin a bha reothairt ann. Agus, le sin dheth, bha tòrr fios aca mu dheidhinn.
Can an-drà sta, nuair a tha a' ghealach ùr ann, tha reothairt ann bhon tha a' ghealach agus a' ghrian, cumhachd na gealaich agus cumhachd na grèine, as an aon loidhne. 'S tha an là n nas à irde 's tha an trà igh nas fhaide a-muigh, gach cuid. 'S a-nise nuair a thèid a' ghealach chun a' chiad chairteil tha cumhachd na grèine is cumhachd na gealaich a' dol an aghaidh a chèile, s tha conntraigh ann. Agus tha sin a' fà gail a' là n nas ìsle 's an trà igh nas fhaide a-mach.
91Èȱ¬ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.