Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

80 bliadhna bho rugadh Bob Marley - dè an tarraing a th' anns a' cheòl aige? 80 years since Bob Marley was born, fans discuss his legacy and relevance today with Cathy MacDonald.

Le ceithir fichead bliadhna an-diugh bho rugadh an seinneadair ainmeil Bob Marley - carson a tha a cheòl cho tarraingeach do dh' uimhir a dhaoine sa latha an-diugh? Sin a' cheist a th' aig Cathy do dhithis: Eòghainn Stiùbhart agus John Neil Dòmhnallach. Agus eadar na h-òrain as fheàrr leotha is comasan Marley, 's iomadh cuspair air an cuairtich iad sa chòmhradh.

'S ann air bàrdachd nan eilean a bhios Catrìona Dunn a-mach - agus an obair a tha i air a bhith dèanamh a' cruinneachadh na dàin is òrain a rinn Ciorstaidh NicLeòid, piuthar a seanmhair. Sgeul teaghlaich agus beul-aithris anns a' Rubha, ann an Eilean Leòdhais.

Tha Cathy Bell Mhoireasdan air a bhith a' rannsachadh is a' sgrùdadh na sgeilfichean sna bùithtean carthannais - gus faicinn dè na leabhraichean a thogadh i fhèin asta. Eadar iris Gairm, leabhar-latha Anne Frank, agus leabhar le Raynor Winn mu chuairt feadh Bhreatainn.

Agus nuair a nochdas nan gealagan-làir, no snowdrops, 's e comharra a th' ann gu bheil an t-earrach air an t-slighe. Tha fèis Albannach nan gealagan-làir a’ ruith an-dràsta chun a’ Mhàirt le gàrraidhean fosgailte air feadh na h-Alba nan taisbeanadh. Bheir Calina NicDhòmhnaill dhuinn eachdraidh an t-sìthein seo a bhios a' fàs sa ghàrradh aice fhèin.

14 days left to listen

57 minutes

Last on

Thu 6 Feb 2025 22:25

Broadcasts

  • Thu 6 Feb 2025 09:00
  • Thu 6 Feb 2025 22:25