le Cathy NicDhòmhnaill
'S e an t-eòlaiche ionmhais, Coinneach MacMhathain, cèiliche na seachdain. Financial expert Kenny Matheson is this week's guest.
Chan ann gun onghail is ùpraid a tha poilitigs an t-saoghail an-drà sta; gu sonraichte, nuair a thig e gu malairt eadar-nà iseanta. Tha na Stà itean a' maoidheadh an tuilleadh chìsean a chuir air stuth a thathas a' ceannachd bho thall-thairis - agus tha seo a' cur iomagain air an Aonadh Eòrpach. Ach dè cho deiseil is a tha an dà dhùthaich a dh'fhaodadh fulang na bu mhiosa na dùthchannan sam bith eile san Aonadh - a' Ghearmailt is Poblachd na h-Èireann? Tha Cathy a' bruidhinn ri Mìcheil Klevenhaus anns a' Ghearmailt, agus Brian Ó hUiginn ann an Èirinn.
Cluinnidh sinn cuideachd bho Mharc Wringe mu cò agus dè a th' air a' liosta fhada aig Duais Leabhraichean na Gà idhealtachd.
Agus 's e Coinneach MacMhathain cèiliche na seachdain. Tha gu leòr de luchd-èisteachd Radio nan Gà idheal eòlach air mar eòlaiche ionmhais - ach aig à m nuair a tha na margaidhean agus saoghal an ionmhais gu mòr sna pà ipearan naidheachd, ciamar a fhuair e fhèin air adhartas a dhèanamh sa ghnìomhachas? Agus am moladh e bancaireachd do dhaoine òga an-diugh, mar a chaidh a mholadh dha fhèin?
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 5 Feb 2025 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 5 Feb 2025 22:2591Èȱ¬ Radio nan Gà idheal