Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

90 bliadhna bho rugadh e, carson a tha ceòl Elvis Presley fhathast cho tarraingeach? 90 years since Elvis Presley's birth, why does his music still inspire loyal fans?

Dh' fhàg Elvis Presley stòras iongantach de cheòl is òrain na dheidh; agus le 90 bliadhna bho rugadh e an t-seachdain sa, tha Cathy NicDhòmhnaill ann an còmhradh le feadhainn a tha fhathast air leth measail air a' cheòl. Dè na h-òrain as fheàrr leothasan - agus dè tha cho tarraingeach dhan a' cheòl dhaibh chun a' latha an-diugh?

Tha Seònaid Boydell, a tha air a bhith ag aithris air naidheachdan Frangach fad iomadach bliadhna, a' beachdachadh air mar a tha saoghal poilitigeach na Frainge air atharrachadh bho thòisich i ag aithris - agus Jean-Marie le Pen, seann cheannard an fhìr làimh dheis Fhrangaich, air bàsachadh.

Agus le bliadhna eile a-nise air fàire againn - a bheil sibh air mìosachain ùra a cheannachd fhathast? Tha ceathrar cuide ri Cathy aig a bheil deagh fheum air na mìosachain aca son iomadach rud a chuimhneachadh neo chomharrachadh. Agus tha iad uile le 'm beachdan fhèin air na rudan as deatamaiche bhios orra, bhon an tìde mhara gu làithean-saora!

57 minutes

Last on

Thu 9 Jan 2025 22:25

Music Played

  • Elvis Presley

    Wooden Heart

    • Presley - The All Time Greatest Hits.
    • RCA.

Broadcasts

  • Thu 9 Jan 2025 09:00
  • Thu 9 Jan 2025 22:25