Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

B' àbhaist gum biodh aran-milis ga thoirt seachad tric aig an àm seo dhen bhliadhna. Dè an dòigh as fheàrr air a dhèanamh? Cathy's guest bakers with their best shortbread recipes.

Seo an àm dhen bhliadhna a bhios mòran a' toirt sùil as ùr air na cosgaisean aca, 's càite an gabh airgead a shàbhaladh 's a bhliadhna ri teachd. Tha an t-eòlaiche ionmhais Dòmhnall Màrtainn a' toirt comhairle dhuinn.

B' àbhaist gum biodh aran-milis ga thoirt seachad tric aig an àm seo dhen bhliadhna, ged a b' ann ann a tionaichean tartainn neo air fhuine aig an taigh. Tha triùir a bhios a dèanamh an aran-mhilis aca fhèin ann an còmhradh ri Cathy mun dòigh as fheàrr a dhèanamh.

Bha am planaid Bhèineas ri fhaicinn gu soilleir 's an iarmailt oidhche Haoine sa chaidh. Tha dùil gur e mìos air leth a bhios againn tron Fhaoilleach, a thaobh sealladh soilleir fhaighinn air reultan agus planaidean. Tha Aonghas Dòmhnallach, aig a bheil ùidh mhòr anns na h-iarmailtean, ag innse an tuilleadh mu carson a tha seo a tachairt an dràsta agus dè bhios ri fhaicinn air oidhchean soilleir.

Thèid a chiad iris de phrògram telebhisean mu chait fhiadhaich na dùthcha, a-mach air 91Èȱ¬ Alba an ath oidhche. Tha Wildcats: Cait ann an Cunnart a leantainn sgioba aig Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd, ’s iad a ' feuchainn ri dìon a chuir air a bheathach tearc seo. Dh' fhaodadh nach eil ach mu 100 dhiubh a-nise air a raon, an Alba. Tha Maureen NicLeòid, a bha an sàs ann a riochdachadh a phrògram, a' toirt beagan blas air dè bhios ri fhaicinn.

57 minutes

Last on

Tue 7 Jan 2025 22:25

Broadcasts

  • Tue 7 Jan 2025 09:00
  • Tue 7 Jan 2025 22:25