Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sùil air Croatia, an dùthaich às a bheil an sgioba a tha a' cluiche an aghaidh Alba a-nochd. A profile of Croatia, whose football team is playing against Scotland tonight.

Tha Alba a' cluiche an aghaidh Croatia a-nochd ann am farpais Euros 2020. Bheir am fear-naidheachd poilitigeach Darren Linc dealbh dhuinn air Croatia - an eaconamaidh, na poilitigs, turasachd agus an àite a th' aig Croatia sa Roinn Eòrpa.

Tha buidhean de luchd-rannsachaidh air film a chruthachadh a thèid air uachdar speuclairean àbhaisteach agus a bheir comas lèirsinn-oidhche dhan neach air a bheil iad. Mìnichidh an t-eòlaiche-saidheans, Iain MacAonghais, dè a th' ann an infrared, cò a thàinig tarsainn air an toiseach agus mar a thathas air a bhith ga chleachdadh thar na linntean gus an là-an-diugh.

Tha Alasdair MacLeòid a' leantainn air leis an t-sreath far a bheil e a' còmharrachadh farpais Euro 2020, le blas bìdh às gach dùthaich far am bheil geamannan ball-coise gu bhith air an cluich. An-diugh, biadh Seville.

Agus cluinnidh sinn bho Aonghas Pàdraig Caimbeul gur ann air an t-seachdain seo ann an 1824 a rugadh Morair Cheilbhinn, Uilleam MacThòmais, innleadair a bha na stiùiriche air Companaidh Càbal is Telegraphy a' Chuain Shiair.

57 minutes

Last on

Tue 22 Jun 2021 09:00

Broadcast

  • Tue 22 Jun 2021 09:00