Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mar a tha coimhearsnachd Ghoillspidh ag iomairt airson Blàr Littleferry a chomharrachadh. Golspie commmunity's campaign to commemorate the Battle of Littleferry.

Thathas a’ cunntadh na bhòtaichean an-dràsta an dèidh an taghaidh ann an Etiopia. Tha an tè-naidheachd, Anna Nicleòid, air a bhith a’ toirt sùil air ais air na leth-cheud bliadhna mu dheireadh gus faicinn dè na h-atharrachaidhean a th’ air a thighinn air an dùthaich, agus dè na dùbhlain a tha ma choinneamh an riaghaltais ùir.

Tha baile Ghoillspidh a’ strì airson ‘s gun tèid blàr a thachair an là ro Blàr Chùil Lodair a chuimhneachadh. Tha ’d ag iarraidh clach-chuimhne a thogail mar chuimhneachain air Blàr Littleferry, far an deach suas ri ceud duine a mharbhadh air 15mh den Ghiblean 1745.

Tha Alasdair MacLeòid a' leantainn air leis an t-sreath far a bheil e a' comharrachadh farpais Euro 2020, le blas bìdh às gach dùthaich far a bheil geamannan ball-coise gu bhith air a chluich. An-diugh ‘s ann san Danmhairc a tha e.

Agus còmhradh às an tasglann a rinn Coinneach còmhla ri triùir a’ cuimhneachadh air na seann chlò-sgrìobhadairean a bha iad a’ cleachdadh nan àiteachan-obrach.

57 minutes

Last on

Wed 23 Jun 2021 21:00

Broadcasts

  • Wed 23 Jun 2021 09:00
  • Wed 23 Jun 2021 21:00