Main content
Sorry, this episode is not currently available

11/12/2020

'S ann air an Nollaig a tha aire sgoil na seachdain, Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Christmas is the theme for our school of the week, Inverness Gaelic Primary School.

Tha sgoilearan sgoil na seachdain, Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, ag ullachadh airson an Nollaig. Innsidh cuid aca dhuinn mu na h-òrain Nollaig as fheàrr leotha agus na tha iad an dòchas fhaighinn bho Bhodach na Nollaig. Cuideachd, cluinnidh sinn mu na rudan as fheàrr leotha mun àm seo den bhliadhna.

57 minutes

Last on

Sat 12 Dec 2020 12:00

Na bogsaichean nuair a tha iad deiseil

Na bogsaichean nuair a tha iad deiseil

Bogsa Bodach-sneachda

Ma tha tiodhlac bheag shnog agad ri thoirt seachad aig àm na Nollaig, dè mu dheidhinn bogsa bodach-sneachda a dhèanamh airson a chur ann? 

Airson seo, feumaidh tu:

±Ê±ð²¹²Ô²õ²¹¾±±ôÌý

Pìos cairt gheal, meud A4

Siosar

Pìos cairt ann an dath sam bith (airson ad a’ bhodaich - tha mise a' cleachdadh pìos gleansach dearg) 

Pìos beag cairt uaine ma tha sibh airson cuileann a dheànamh

Peann dubh, peann orains agus peann dearg.

Beagan glaodh.

¶Ùò¾±²µ³ó:

An toiseach, feumaidh tu cumadh a tharraing airson do bhogsa air a' chairt gheal. Airson seo, dèan ceithir ceàrnagan a tha 6 cm air gach taobh ann am meadhan a’ chairt.  

An uair sin, cuir ceàrnag dhen aon mheud air gach taobh den trìtheamh ceàrnaig agus an uair sin, leth-chearcall air mullach agus bonn na ceàrnagan air na cliathaichean. An uair sin, cuir ceart-cheàrnagach beag aig mullach na ceithir ceàrnagan – airson ‘s gun tèid agad air a’ bhogsa a dhùnadh. Chì sibh dealbh den seo air an làrach-lìn againn. 

Le taic bho inbheach, geàrr a-mach cruth do bhogsa agus gu faiceallach, a’ cleachdadh an siosar a-rithist, dèan loidhne air na pìosan a tha thu a' dol a lùbadh airson cruth a’ bhogsa a dhèanamh. ‘S e an trÌtheamh ceàrnag a bhios aig bonn a’ bhogsa.  
Mus lùb thu na pìosan, faodaidh tu aodann a’ bhodaich-shneachda a dhealbh le na pinn. Dà chearcall meadhanach mòr airson a shùilean, triantan beag orains airson a shròin agus dubh airson cearcallan beaga a nì a bheul.  

Lùb am bogsa agus cuir gu aon taobh e. Mura h-eil e a' tighinn ri chèile mar a dh’iarradh tu, faodaidh tu beagan glaodh a chur air na h-oirean.  

Feumaidh tu a-nise an ad aige a dheànamh. Airson seo, le taic bho inbheach, geàrr a-mach ceart-cheàrnag, 6 cm a dh’fhaid agus 4cm a dh’àird. Geàrr mu 1cm mu thimcheall oir a’ cheart-cheàrnag agus faodaidh tu a sgeadachadh le pìos ribean no le duilleagan is dearcain airson cuileann a dhèanamh.  

Nuair a bhios an ad deiseil, cleachd rud beag glaodh airson a chur air a’ bhogsa os cionn aodann. Agus sin e. 

Dèan cinnteach gun èist thu an ath sheachdain oir tha sinn a' dol a dhèanamh rudeigin a thèid am broinn a’ bhogsa.

Feumaidh sibh.......

Feumaidh sibh.......

Coltas cruth a’ bhogsa

Coltas cruth a’ bhogsa

Broadcasts

  • Fri 11 Dec 2020 14:00
  • Sat 12 Dec 2020 12:00