04/12/2020
Tha Bun-sgoil an Ath Leathainn againn mar Sgoil na Seachdain. Cluinnidh sinn mun sgoil fhèin, na bhios iad ris aig à m cluiche, pròiseactan sgoile agus tòrr eile. 'S iad fhèin a tha os cionn na taghaidhean ciùil cuideachd agus abair gu bheil measgachadh aca dhuinn.
Last on
Music Played
-
Survivor
Eye Of The Tiger
- The No.1 Movies Album (Various Artist.
- Polygram Tv.
-
²Ñà ²Ô°ù²¹²Ô
Latha Math
- Manran.
- Manran Records.
- 008.
-
David Bowie
Space Oddity
- Space Oddity.
- RCA.
-
Stevie Wonder
What Christmas Means To Me
- 20 Motown Christmas Classics (Variou.
- Hitsville.
-
Queen
Another One Bites The Dust
- The Game.
- Island.
- 3.
Bleideag
Bleideagan
Feumaidh sibh:
Gliotar
Teip stiogach
DÃ phoca plastaig (feumaidh sibh faicinn tromhpa)
Dealbh de bhleideag (faodaidh tu fhèin fear a dhèanamh no a lorg air an eadar-lìon)Â
Glaodh PVA
Cè bearraidh
Flùr plèan
Dath bìdh (ma tha thu ag iarraidh dath a chur air na bleideagan agad)
Pìos pà ipear no cairt
Siosar
Bior fhiaclan
¶Ùò¾±²µ³ó:
An tòiseach, feumaidh tu trì spà in bhùird cè bearraidh, aon spà in bhùird glaodh pva agus aon spà in bhùird flùr a mheasgachadh còmhla ann am bobhla. Â
Faodaidh tu dath a chur ris ma tha thu ag iarraidh. Ma tha e ro thiugh, cuir barrachd glaodh ann no ma tha e ro fhliuch, cuir rud beag a bharrachd flùr ann.
Cuir e am broinn aon de na pocannan plastaig – gu aon oisean – coltach ri siùcar còmhdachaidh airson cèic agus fà g gu aon taobh e.
Air an duilleag phà ipear, dèan dealbh de bhleideag – no clò-bhuail dealbhan dhiubh bhon eadar-lìon.
Le taic bho inbheach, geà rr mullach far a’ phoca plastaig eile. Â
Cuir am pìos pà ipear le na bleideagan na bhroinn agus cleachd an teip gus an cumail còmhnard. Â
A’ cleachdadh bior fhiaclan, cuir toll ann an oisean a’ phoca plastaig anns a bheil am measgachadh agad – chan fheum e a bhith ro mhòr.Â
Thèid thairis air na loidhnichean airson na bleideagan agus nuair a thu toilichte leotha – cuir còmhdach gliotar air muin na loidhnichean. Â
A-nise, seo an rud as duilghe, feumaidh tu fhà gail a-nise airson co-dhiù ceithir uairean fichead ach ‘s dòcha ceathrad ‘s a h-ochd uairean gus an tiormaich iad. Â
Nuair a tha iad tioram, crath air falbh an gliotar a bharrachd agus gu faiceallach tog iad bhon a’ phoca plastaig. A-nise, tha thu deiseil airson na h-uinneagan a sgeadachadh. Â
Dh’ fhaodadh tu am measgachadh seo a chleachdadh airson cruthan eile cuideachd, ma tha thu a' dol ga fheuchainn, nach cuir thu fios thugainn agus seall dhuinn na rinn thu, aileag@bbc.co.ukÂ
Bleideag eile
Broadcasts
- Fri 4 Dec 2020 14:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sat 5 Dec 2020 12:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal