Main content
Sorry, this episode is not currently available

Iomairt airson defibrillators ann an Alba a chlàradh

Tha Niall Iain Dòmhnallach ann an cathair Choinnich. Niall Iain MacDonald stands in for Kenny MacIver. bbc.co.uk/coinneach

Mìnichidh Darren Laing an iomairt a chaidh a chuir air bhog airson a h-uile defibrillator ann an Alba a chlàradh. Cluinnidh sinn cuideachd cho deatamach sa tha e gu bheil leithid do dh'inneal ri fhaotainn anns a h-uile coimhearsnachd.

Tha companaidh ann an Dùn Dè air cùmhnant a mhaireas còig bliadhna fhaighinn bho bhuidheann Coilltearachd agus Fearainn na H-Alba airson fiach £13m dè shitheann-fèidh a cheannach bhuapa. Sin a' fàgail gum bith pailteas sitheann-fèidh ri fhaotainn anns nam bùithtean. Tha Alasdair Macleòid agus Calina NicDhòmhnaill a' moladh na reasabaidhean as fhèarr leotha fhèin.

Agus tha an saidhg-eòlaiche Dòmhnall Macleòid a’ beachdachadh a bheil sinn air ar cò-fhaireachdainn agus ar truas a chall nuair a chì sinn droch thubaist, chun na h-ìre gu bheil sinn ro dheònach seasamh air ais agus dealbhan a thogail le fònaichean-làimhe. bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Last on

Wed 4 Mar 2020 21:00

Broadcasts

  • Wed 4 Mar 2020 09:00
  • Wed 4 Mar 2020 21:00