Seachdain Preantasachd Alba
Tha Niall Iain Dòmhnallach ann an cathair Choinnich. Niall Iain MacDonald stands in for Kenny Maciver. bbc.co.uk/coinneach
Se seo Seachdain Preantasachd Alba. Bha uair se dìreach luchd-ciùird mar meacanaigean, saoir is pluimearan a bhiodh a' dol an sàs th' annta ach an-diugh faodar pà irt a ghabhail ann an còrr is ceithir fichead deifir seòrsaichean obrach.
Tha Baile ann an Afghanistan faisg air Kandahar a chaidh a thogail a-mhà in airson daoine a tha ciorramach. Innsidh Iain Mac a’ Phearsain mar a chaidh Mohammed bin Rashid a’ thogail bho chionn còig bliadhn’ deug air ais agus an-diugh tha còrr agus dà cheud neach, seann agus òg, air dachaigh fhaighinn anns a' bhaile.
Chaidh cead dealbhachaidh a thoirt dha taigh-stà ilinn ùr ann am baile Taigh Iain Ghròta ann a fìor cheann-a-tuath na Gà idhealtachd, a tha an dùil a bhios na thogail dhan sgìre. Thèid a shanasachd mar an taigh-stà ilinn as fhaide tuath air Tìr Mòr na h-Alba, ged a tha taigh-stà ilinn ainmeil eile shuas ann an Arcaibh.
Tha sgeama ùr air tòiseachadh ann an Glaschu airson daoine bochda a chuideachadh gun a bhith sìneadh airgead nan là mhan. Tha e air a’ ruith le comhairle a’ bhaile agus faodar airgead a thoirt seachad air loidhne no le bhith a’ pà igheadh le cairt aig innealan sònraichte sa bhaile.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 5 Mar 2020 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Thu 5 Mar 2020 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal