Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgìre Ùig is Bheàrnaraigh

Buaidh mhaireannach call na h-Iolaire air sgìre Ùig is Bheàrnaraigh ann an Leòdhas.
The enduring legacy of the Iolaire disaster on the communities of Uig and Bernera in Lewis.

Chailleadh deichnear à bailtean ceann thall Ùig nuair a bhuail an Iolaire air Biastan Thuilm. Dithis à Breanais, dithis às na h-Ùigean agus sianar à baile beag Chrabhlastaidh. À ceann eile sgìr’ Ùig – air taobh thall Loch an Ròig – eadar tìr mòr is Beàrnaraigh, bhàthadh ceathrar eile.
Bha an dàrna là dhen Bhliadhn’ Ùir ann mus do ràinig am fios sgìre Ùig gun robh an Iolaire air bualadh ‘s na fir caillte.

Anns a’phrògram seo, tha Dòmhnall Moireasdan a’coinneachadh ri feadhainn aig a bheil ceanglaichean làidir ris na balaich a bha air an Iolaire agus a’ cluinntinn sgeulachdan pearsanta air mar a thàinig an naidheachd agus an ro-shealladh bh’ aig aon bhoireannach air an uabhas a bha a’ dol a thighinn air a’ bhaile, sin ann a bruadar Anna Ruairidh.

‘S le ceangal muinntir sgìr’ Ùig ris an fheadhainn a chailleadh anns an Iolaire ga ùrachadh gu mòr an dràsta, cluinnidh sin mar a tha an ceangal sin air tighinn beò ann an dòighean iongantach a’ cleachdadh leithid ebay agus obair-ealain.

30 minutes

Last on

Sun 6 Jan 2019 10:03

Broadcasts

  • Wed 2 Jan 2019 12:00
  • Wed 2 Jan 2019 22:00
  • Sun 6 Jan 2019 10:03