Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ceann a Tuath nan Loch

Buaidh mhaireannach call na h-Iolaire air sgìre Cheann a Tuath nan Loch.
The enduring legacy of the Iolaire disaster on North Lochs in Lewis.

Tha sgìre Cheann a Tuath nan Loch a’ gabhail a-steach bailtean Loch a' Ghainmhich, An Achadh Mhòr, Liùrbost, Crosbost, Ranais agus Grimisiadar-sgìre a dh’fhulang gu mòr ri linn sgrios a’ Chogaidh Mhòir agus call na h-Iolaire. Chaillear 57 tron chogadh gu lèir agus 22 air Biastan Thuilm.
‘S iomadh cagailt' air an do bhuail a’ bhuille chruaidh seo, ‘s aig a bheil sgeulachd ri innse. Ann am baile Liùrboist, chaillear 11 agus bha sianar dhiubh sin ann an croileagan thaighean nach robh ach cairteal a' mhìle bho chèile. Ann am baile Rànais chaillear coignear agus chaidh coignear eile a shàbhaladh. Chaidh 12 às a' sgìre gu lèir a shàbhaladh an oidhch’ ud.

Anns a’ phrògram seo tha Seonaidh Dòmhnallach a’ coinneachadh ri feadhainn aig a bheil ceanglaichean làidir ris na balaich a bh’ air an Iolaire agus a’ faighinn a-mach mun bhuaidh mhaireannach a thug an call air a’ sgìre. Chaillear bràthair a sheanmhair fhèin, Calum Macneacail, Calum Beag Iain Dhòmhnaill, 20 Ranais, ‘s cha d’fhuaireadh a chorp a-riamh.

Cluinnidh sinn mar a chaidh corp seòladair à Nis a bh' air an Iolaire a lorg am beul Loch Liurboist sia mìosan às dèidh làimh. B’ e Aonghas Dòmhnallach, Aonghas Chaluim Breabadair, 3 Port Nis am balach Niseach a bha trì bliadhna thar fhichead. ‘S ged bha fhios aig tè dha chàirdean, Marlene NicLeòid gu robh e air a thiodhlacadh ann an Cladh Thomaig a Lang, cha robh i a-riamh air a bhith ann. B’e bràthair a seanmhair a bh’ ann an Aonghas.

30 minutes

Last on

Sun 6 Jan 2019 09:33

Broadcasts

  • New Year's Day 2019 12:30
  • New Year's Day 2019 19:00
  • Sun 6 Jan 2019 09:33