Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 4

Episode 4 of 10

Gregor tries a French pizza, with its topping of anchovies and olives. Griogar MacLeòid is bèiceirean air feadh Alba a’ fuine greimeannan cùbhraidh à tìrean cèin.

Bho dhachaigh ann an Calanais ann an Leòdhas far a bheil e a’ ruith taigh leabaidh is bracaist, tha Griogar MacLeòid a’ siubhal an tòir air na bèiceirean ‘sna còcairean is fheàrr air Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan. Tha e a’ tadhal orra nan cidsinean fhèin agus bi iadsan a’ sealltainn dha dè’s fheàrr leotha fuine. Còcaire proifeiseanta a th’ann, le làn fhios gun ionnsaich thu barrachd bho eòlaiche le ùidh sa ghnothach, na bho leabhar sa bith. Sa phrògram seo tha Griogar sa charaidean a’ sealltainn dhuinn am biadh is fheàrr leotha fuine à dùthchanan cèine.

Ann an Leòdhas feuchaidh e Pissaladière Frangach, le còmhdach shaillte anchovies is dearcan-ola. Chì Griogar Gearmailteach a tha a’ fuireach an Alba a’ dèanamh cèic-càise le ruma is ròsaidean, mar a rinn a sheanmhair. Agus greim milis às an Spàinn – nì Griogar fhèin churros aotrom bhrisg le deagh shabhs teòclaid ga dhòrtadh orra.

From his home in Callanish in Lewis where he runs a B&B, Gregor MacLeod takes to the road to meet some of the Highlands and Islands’ best home cooks and bakers. He visits them in their own kitchens and they share with him their favourite recipes. A professional cook himself, he knows that you can learn so much more from a passionate and practised person than from any cookery book.

Gregor and his trusted bakers and cooks show us their favourite recipes inspired by countries afar. Visiting Point in Lewis, he tries a French pizza called Pissaladiere, with its salty topping of anchovies and olives. A German man who has made Scotland his home shows Gregor his recipe for rum and raisin cheesecake - just like his grandmother used to make. And Gregor takes his inspiration from Spain, cooking up light and crispy churros with a rich melted chocolate sauce.

29 minutes

Last on

Tue 4 Jul 2023 19:00

Am Pissaladière aig Alasdair

Am Pissaladière aig Alasdair

An Taois
225g flùr làidir aran (geal)
½ spàin-tì salann
1 phacaid bheag beirm
2 spàin-bhùird ola-chroinn-ola
150ml uisge meadhanach blàth

Uachdar am Pissaladière  
25g ìm
1 spàin-bhùird ola-chroinn-ola
450g uinnean
2 clobha creamh
1 spàin-tì siùcar
1 spàin-bhùird lus an rìgh (ùr) air a ghearradh
Piobar dubh
50g ainseabhaidhean, gun sùgh 
60g dearc-ola dhubh  

Ann am bobhla cuir ri chèile na tha dol dhan taois pizza. Cuir ann an toiseach a h-uile sìon tioram ach a’ cumail am beirm agus an salann air falbh bho chèile. Cuir ann an uairsin an ola san uisge gus an tig e ri chèile na bhalla. Cùm ort a’ fuine an taois airson 5-10 mionaid.  Leig leis suidhe ann an àite blàth airson uair a thìde neo gus am bith an dùblaich e. 

Roilig an taois a-mach gu meud treidhe ceàrnagach flan agus leig dha sinn suidh anns an treidhe ann an àite blàth gus am bi an taois air dùblachadh a-rithist.

Ruisg na h-uinneanan agus geàrr iad gu mìn. Bruich na h-uinneanan is an t-siùcar fad 20 mionaid aig teas gu math ìosal ann an ola is ìm. Mu dheireadh cuir beagan lus an rìgh riutha agus piobar. Sgaoil na h-uinneanan air uachdar am piotsa. 

Cuir na ainseabhaidhean air a’ mhullach, a’ dèanamh pàtran laitis. 

Lìon gach beàrn le dearc-ola. 

Cuir an treidhe dhan àmhainn agus airson 20-25 mionaid aig 220C/gas mark 7. 

Na Churros aig Griogair

Na Churros aig Griogair

1 cupa uisge
½ cupa ìm no margarain
¼ spàin-tì salann
1 cupa flùr lom
3 uighean, air am bualadh
Ola ghlasraich (airson fraighigeadh)
¼ cupa siùcar
¼ spàin-tì caineal

Taois na Churros

Cuir 1 cupa uisge, ìm (neo margarain) agus salann ann a pana.  Leagh an t-ìm air teas àrd. 

Thoir a-nuas an teas agus le spàin maide measgaich a-steach a flùr. 

Measgaich gus am bi an taois na bhàla. Dèan seo airson mionaid. 

Thoir bhon teas an taois. Gu slaodach, buail a-steach na h-uighean. 

Teasaich beagan ola (mu 2 òirleach domhain) ann am pana trom, domhain air teas meadhanach àrd, gus am bi an ola aig 180C. 

Measgaich an t-siùcar agus a chaineal air truinnsear agus cuir seo gu aon taobh. 

Cuir taois na churros ann am poca pastraidh le gob ann an cumadh rionnag. 

Put a-mach pìosan mu 4 òirleach a dh’ fhaide dhen taois dhan ola theth.  Faodar 3 no 4 pìosan a dhèanamh còmhla. 

Fraidhig na churros, gan tionndaidh aon uair airson dà mhionaid air gach taobh. Bu chòir dhaibh a bhith dath òr-dhonn. 

Lìon truinnsear le tubhailt-phàipeir. Nuair a tha na churros deiseil cuir air an truinnsear iad airson beagan dhan ola a thoirt dhiubh.   

Nuair a tha na churros air fuarachadh, roilig iad san t-siùcar agus a chaineal. 

Sabhs seoclaid

150g teòclaid dorcha
300ml bàrr tiugh
1 stràbh faoineag
100ml bàrr

Sgrìob siol na faoineige dhan a’ bhobhla leis a bhàrr.  Teasaich seo còmhla sa mhicrowave airson mionaid.    

Measgaich an t-seoclaid leis a bhàrr agus leig leis gus an leagh e.

Na Biscotti aig Griogair le Cnothan-Challtainn agus Sirisean Thioram

Na Biscotti aig Griogair le Cnothan-Challtainn agus Sirisean Thioram

170g flùr lom
1 spàin-tì pùdar-fuine
80g siùcar
2 ugh
40g sirisean thioram
40g cnothan-challtainn

Cuir air an àmhainn aig teas 180C/Gas 4.  

Measgaich am flùr, siùcar agus am pùdar-fuine ann am bobhla.

Cuir na h-uighean ris airson taois bhog a dhèanamh. 

Cuir a-steach na sirisean agus na cnothan-challtainn agus lean a’ fuineadh an taois gus am bi cliathach am bobhla glan. 

Air clàr-fuine le flùr air uachdair, dèan cruth roile air mu 4/5cm. 

Cuir seo air treidhe air a còmhdach le pàipear-fuine dhan an àmhainn airson 20-25 mionaid, gus am bi dath òr-dhonn oirre.  

Bheir a-mach às an àmhainn. Fàg airson 10 mionaidean, airson cruadhachadh. 

Geàrr an lof ann am pìosan 1cm tiugh. Cuir iad air an treidhe fhathast air a còmhdach le pàipear-fuine.  

Cuir air ais dhan àmhainn iad airson 10 mionaidean agus an uairsin fàg iad airson fuarachadh air treidhe uèir. 

Credits

Role Contributor
Presenter Gregor Macleod
Production Manager Sajid Quayum

Broadcasts

Reasabaidhean - Sreath 8

Reasabaidhean - Sreath 8

Na reasabaidhean bhon t-sreath ùr.

A' Fuine le...

Series in which Mairi MacRitchie meets some of the country's best bakers.