Gregor MacLeod and home bakers from across Scotland share their recipes using alcohol. Griogar MacLeòid is bèiceirean air feadh Alba a’ fuine le blas deoch-là idir air a bhiadh
Bho dhachaigh ann an Calanais ann an Leòdhas far a bheil e a’ ruith taigh leabaidh is bracaist, tha Griogar MacLeòid a’ siubhal an tòir air na bèiceirean ‘sna còcairean is fheà rr air Ghà idhealtachd is anns na h-Eileanan. Tha e a’ tadhal orra nan cidsinean fhèin agus bi iadsan a’ sealltainn dha dè’s fheà rr leotha fuine. Còcaire proifeiseanta a th’ann, le là n fhios gun ionnsaich thu barrachd bho eòlaiche le ùidh sa ghnothach, na bho leabhar sa bith. Sa phrògram seo tha Griogar sa charaidean a’ sealltainn dhuinn dè’s fheà rr leotha chòcaireachd le deoch-là idir – is lag. ‘Sna Hearadh gheibh e am boinne is toil leis – ann an cèic a tha tè ealanta a dèanamh le ginèibhear agus grapefruit phinc. Air ais ann an Leòdhas tha Griogar a’ tachairt air fear a nì aran spìosrach le tì ghorm na luib – agus na thaigh fhèin nì e sà r chèic teòclaid le leann dorcha ga fhà gail tais is beairteach.
From his home in Callanish in Lewis, where he runs a B&B, Gregor MacLeod takes to the road to meet some of the Highlands and Islands’ best home cooks and bakers. He visits them in their own kitchens and they share with him their favourite recipes. A professional cook himself, he knows that you can learn so much more from a passionate and practised person than from any cookery book.
Gregor and his trusted bakers and cooks show us their favourite recipes using alcohol and other drinks. In Harris, he samples his favourite tipple but in a cake - someone has come up with a recipe for gin and pink grapefruit steamed sponge.
Back in Lewis, Gregor meets a talented baker who uses green tea to add flavour to his spiced fruit loaf. And in his own kitchen Gregor makes the ultimate chocolate cake, by adding stout to the batter he makes it more moist and even richer.
Last on
Clip
-
Am paidh leann-ubhail is isbein aig Griogar
Duration: 01:50
An Cèic Teòclaid is Leann-Dorcha aig Griogair
A' Chè¾±³¦:
250ml leann-dorcha
250g ìm gun salainn, air a ghearradh
300g siùcar
75g pùdar còco
150ml iogart
Greugach
2 ugh
1 spà inn-mhòr faoineige
275g flùr plèan
2 ½ spà inn-tì
sòda-arain
Teasaich an à mhainn gu 180C. Lìnig tiona-cèic 9 òirlich a mheud.
Dòirt an leann-dorcha ann am pana mòr, cuir an t-ìm ris agus teasaich air a shocair gus an leagh e. Thoir am pana far an teas agus cuir an còco is an siùcar ris, a' bualadh a h-uile rud ri chèile. Ann am bobhla, buail na h-uighean, iogart agus vanilla ri chèile agus an uair sin dòirt na tha sa phana dhan bhobhla agus measgaich còmhla. Mu dheireadh, buail am flùr agus sòda dhan chòrr.
Dòirt seo dhan tiona agus cuir dhan à mhainn fad trì chairteal na h-uaireach. Leig leis fuarachadh anns an tiona. Â
An Còmhdach:
150g siùcar
pùdarach
150g ìm gun
salainn
420g cà ise bog
Airson a’ chòmhdaich, buail an t-ìm agus an siùcar còmhla. Nuair a tha am measgachadh mìn, cuir a’ chà ise ris a’ bualadh gus am bidh an còmhdach soilleir agus aotrom.
Cuir an cèic fuar air soitheach no truinnsear, agus smeur an còmhdach air feadh mullach a’ chèic.Â
Am Parfait aig Griogair le Mil is Uisge-beatha, agus plumais ann am port
Am Parfait:
100ml mil
4 buidheagain-uighe
300ml uachdar
2 spà inn-mhòr
uisge-beatha
Teasaich am mil ann am pana gu ìre goilidh, thoir far an teas is fà g am pana a dhà rna taobh.
Ann am bobhla, buail na buidheagain gus am bidh iad soilleir agus tiugh. Cùm ort a’ bualadh agus cuir am mil riutha beag air bheag.
Ann am bobhla eile, buail an t-uachdar gus am bidh e tiugh agus cuir an t-uisge-beatha ris. Dòirt na tha sa bhobhla eile dhan bhobhla leis an uachdar, agus paisg a-steach e air a shocair.
Lìnig 4 bobhlaichean-mìlsean beaga le fiolm-claonach agus lìon iad leis a’ mheasgachadh. Cuir dhan reòthadair iad agus leig leotha fuarachadh fad 2-3 uairean a thìde.
Plumais ann am Port:
300ml fìon-poirt
2-3 clomhais
2 phìos caineal
1 spà inn-mhòr
siùcar
1 spà inn-mhòr mil
sùgh leth liomaidÂ
4 plumaisean
1 plumais, air a
ghearradh
meannt
Dòirt am fìon ann am pana còmhla ris a’ chlomais, caineal, siùcar, mil agus sùgh-liomaid agus teasaich gu ìre goilidh. Thoir am pana far an teas agus fà g e airson cairteal na h-uaireach gus an toir na spìosraidhean blas math dhan fhìon.  An uair sin cuir tro shìoltachan e agus cuir an sùgh air ais dhan phana.
Geà rr na plumaisean ann an dà leth, agus cuir dhan phana iad leis an t-sùgh, an taobh a chaidh a gheà rradh sìos air bonn a’ phana. Cuir seo air teas ìosal fad cairteal na h-uaireach, an uair sin tionndaidh na plumaisean agus bruich fad 5 mionaidean eile. Thoir na plumaisean às a’ phana agus teasaich an sùgh aon uair eile gus am fas e coltach ri siorap.
Nuair a tha a h-uile rud deiseil, cuir na plumaisean air gach truinnsear leis am parfait, sgeadaich le pìosan beag plumais amh agus duilleagan meannt. Blasta!
Am Mìlsean Smùidte aig Mà iri, le Ginèibhir agus Grapefruit Pinc
Airson an t-siorap:
2 grapefruit pinc
100ml sùgh grapefruit
6 unns siùcar
1 spà inn-mhòr
min-arbhair
Ruisg an grapefruit, agus geà rr ann am pìosan. Cuir seo ann am pana leis an t-sùgh grapefruit agus an t-siùcar. Cuir seo air an teas agus goil air a shocair fad leth uair a thìde. An uair sin, cuir tro shìoltachan e.
Airson a' chè¾±³¦:
8 unns
flùr-èirigh
4 unns margarain
4 unns siùcar
2 ugh
4 spà inn-mhòr
sineabhar
Cuir a h-uile rud ann am bobhla agus measgaich còmhla gu math.
Smeur ìm ann am bobhla-mìlsean agus lìon am bonn leis an t-siorap. Lìon am bobhla an uair sin leis an taois agus cuir mullach air (no dèan fear le pà ipear-bèicearachd agus foidhle), a’ fà gail rùm gus an èirich a' chèic.
Cuir am bobhla ann am pana de dh’uisge goileach agus bruich airson mu uair a thìde. Dèan cinnteach nach tiormaich am pana, cuir barrachd uisge ann ma dh’fheumar.
Nuair a tha e deiseil, tionndaidh am mìlsean a-mach bun-os-cionn air soitheach.
Credits
Role | Contributor |
---|---|
Presenter | Gregor Macleod |
Production Manager | Sajid Quayum |
Broadcasts
- Mon 1 Oct 2018 20:30
- Fri 5 Oct 2018 20:30
- Mon 25 Mar 2019 20:30
- Tue 17 Mar 2020 20:30
- Sun 22 Mar 2020 20:30
- Mon 4 Oct 2021 19:00
- Wed 6 Oct 2021 19:00
- Thu 22 Jun 2023 19:00
- Tue 27 Jun 2023 19:00