Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dè tha cho tarraingeach mu dheidhinn Instagram?

Dè tha cho tarraingeach mu dheidhinn Instagram? bbc.co.uk/coinneach
What is the attraction of Instagram?

An-dè dh’fhàg an dithis a chruthaich Instagram a’ chompanaidh às dèidh bliadhnaichean far an d’ thug iad am meadhan sòisealta gu sàr àrd ìre am measg òigridh. Gu dearbh, ’s ann a tha e an-diugh nas trice air a chleachdadh le daoine òga na tha Facebook. Gheibh Coinneach Mac a’ Ghobhainn facal air orrasan a tha a’ cleachdadh Instagram agus cluinnidh e mu eachdraidh an làraich.

Chaill prìomhaire an t-Suain a dhreuchd an-dè às dèidh dha bhòt earbsa a chall sa phàrlamaid – dìreach seachdain neo dhà bhon a bha taghadh san dùthaich. Dè tha a’ fàgail poilitigs na rìoghachd ann an suidheachadh cho cugallach agus cò iad na Deamocrataich Suaineach, pàrtaidh na làimhe deise anns a’ phàrlamaid a th’ aig cridhe na connspaid?

Thairis air na ceithir bliadhna a dh’fhalbh, ’s iomadh rud a chuala sinn mun chall uabhasach a bha an cois a’ Chiad Chogaidh do Ghàidheil agus sluaghan eile air feadh an t-saoghail. Ach a-rèir Dòmhnall MacLeòid, saic-eòlaiche a tha air a bhith a’ rannsachadh na cùise, bha droch bhuaidh ga-rìreabh aige air inntinnean agus beachdan dhaoine sna h-eileanan son bliadhnaichean mòra às dèidh làimh cuideachd. Tha Coinneach a’ faighinn facal air Dòmhnall feuch dè cho dhùin e, às dèidh an obair rannsachaidh aige.

Agus am bu chòir dha teanas atharrachadh mar spòrs? bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Broadcasts

  • Wed 26 Sep 2018 09:00
  • Wed 26 Sep 2018 21:00