An nà imhdeas eadar Arabaich agus muinntir Iorà in
Carson a tha uiread de nà imhdeas eadar Arabaich agus muinntir Iorà in? bbc.co.uk/coinneach
Why is there so much animosity between the Arab world and Iran? bbc.co.uk/coinneach
An-diugh tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ cluinntinn barrachd mun chòmhstri a tha san Ear Mheadhanach eadar an saoghal Arabach is muinntir Iorà in. Aig an deireadh sheachdain, choirich Iorà n dùthchannan Arabach agus na Stà itean Aonaichte airson ionnsaigh cheannairc ann an sgìre de dh’ Iorà n far a bheil mòran Arabaich a’ fuireach. Eadar creideamh agus cinneadh, dè na sgaraidhean a tha a’ fà gail còmhstri eadar an dà shluagh as motha san Ear Mheadhanach?
Cuideachd sa phrògram an-diugh, tha Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir, a bha bliadhnaichean ag obair a’ fastadh dhaoine dhan arm, a’ mìneachadh na dùbhlain a tha ro Arm Bhreatainn saighdearan a lorg. A bheil coltas ann gun tig piseach air an t-suidheachadh?
Tha Mìcheal MacAoidh a’ toirt iomradh air sluagh gu math cudromach ann an eachdraidh phoilitigeach nan Stà itean Aonaichte – na h-Èireannaich Albannach, neo na 'Scots Irish'. Ach cò iad agus carson a tha iad cudromach?
Agus còmhradh cuideachd mu bhith ag ionnsachadh cà nain. A bheil còir aig Breatainn barrachd a dhèanamh gus cà nain eadar-nà iseanta ionnsachadh, is sinn a-nise a’ fà gail an Aonaidh Eòrpaich? bbc.co.uk/coinneach
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 25 Sep 2018 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Tue 25 Sep 2018 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal