Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dè th' air cùl còmhstri Ghaza?

Dè th' air cùl a' chòmhstri ann an Gaza an-dràsta? What are the causes of the present unrest in Gaza? bbc.co.uk/coinneach.

Ged a tha ar n-aire am Breatainn an-dràsta air Trump agus Brexit, anns an Ear Mheadhanach tha còmhstri air èirigh às ùr ann an Gaza. Thug na h-Israeilich ionnsaigh air Gaza aig an deireadh sheachdain, is a-nise tha iad air stad a chuir air connadh sam bith bhith faighinn a-steach. 'S na seachdainean a dh'fhalbh tha Hamas is feachdan eile ann an Gaza air balùnaichean-teine a chur a dh'ionnsaigh Israeil. Bruidhnidh Coinneach ri eòlaiche an Ear Mheadhanaich Iain Mac a' Phearsain, feuch dè th' air a bhith tachairt agus dè na th' air fàire.

Cuideachd 'sa phrògram, aithris air buidheann anns am bith An Comhairliche Alasdair MacLeòid an-sàs an ceart uair: A' Cho-labhairt airson Sgìrean Mara Iomallach. Bidh a' bhuidheann 'sa a' brosnachadh co-obrachadh eadar eileanan is àitichean iomallach air feadh an t-saoghail. Mìnichidh Alasdair dè an obair a bhios aige 'sa bhuidheann, agus dè bhios a' bhuidheann fhèin a' dèanamh son sgìrean mar Na h-Eileanan an Iar a chuideachadh.

Bheir Anna NicLeòid agus Seosamh Watson iomradh air a' chiad bhall-pàrlamaid boireann aig Westminster - ban-Èireannach air an robh Constance Markievicz.

Agus iomradh air Gleann Lìomhainn, le pìos bho Thasglann Phrògram Choinnich bho 1997. Cluinnidh sinn na bh' aig Niall MacLeòid nach maireann ri innse mun ghleann sa, eadar cruinn-eòlas agus eachdraidh. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 19 Jul 2018 21:13

Broadcasts

  • Thu 19 Jul 2018 09:00
  • Thu 19 Jul 2018 21:13