Main content
Sorry, this episode is not currently available

Trump, Putin agus Helsinki

Dè cho feumail agus a dh'fhaodadh teicneòlas nan exoskeletons a bhith do mhac an duine? How useful could exoskeleton technology be for humanity? bbc.co.uk/coinneach.

A-rèir luchd-saidheans, tha sinn gu math nas fhaisge air exoskeletons - uidheamachd a nì do chorp nas làidire - fhaicinn, ged a bhiodh tu ciorramach no nad shaighdear. Tha sinn gu math cleachdte ri teicneòlas ùr sa latha a th' ann. Ach dè th' ann an exoskeletons, agus gu dè cho feumail neo cunnartach is a tha iad?

Cuideachd sa phrògram an-diugh, tha an saic-eòlaiche Dòmhnall MacLeòid a' beachdachadh air Dòmhnall eile a bha air turas a Helsinki - Dòmhnall Iain Trump, ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte. Dè ghabhas a thomhais mun duine, agus mun chàirdeas eadar Trump agus Putin bho na chunna sinn?

'S iomadh òran agus dàn a tha a' togail air ceilearadh nan eun. Ach tha beathaichean mar mionc agus gràineagan air a bhith nan cunnart do dh' eòin nan eilean. A-nise, tha eòlaichean ag ràdh gu bheil eòin a' tilleadh gu na seann àitichean neadachaidh aca, às dèidh iomairt son cuir às don mhionc. A bheil iad a' tilleadh ge-tà - neo bheil cùisean fhathast nas sàmhaich na bha? Bruidhnidh Coinneach ri cuid a tha eòlach air eòin.

Agus na dh'innseas DNA dhuinn air mar a thàinig ar sinnsearan - agus ar cànain - dhan Roinn Eòrpa o chionn mìltean mòr a bhliadhnaichean. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 18 Jul 2018 21:00

Broadcasts

  • Wed 18 Jul 2018 09:00
  • Wed 18 Jul 2018 21:00