Episode 67
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.
Bha sanas ann am Pà ipear an Òbain air 18mh den Cheitein 1918 ag innse mu na riaghailtean ùra co-cheangailte ri togail dhaoine dhan Chogadh, mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag aithris. Chuir a' Phà rlamaid an aois airson seo suas anns a' Ghiblean gu 51 air sgà th na bha de shaighdearan gan call san Fhraing ann an Iomairt an Earraich. Anns an t-sanas a bha sa phà ipear, bha liosta fada de na h-obraichean ris nach biodh an riaghailt seo a' buntainn, leithid obair fearainn is seirbheisean feumail eile.
Bha artaigil sa phà ipear cuideachd mu na gearainean a bha aig tuathanaich chaorach mun a' phrìs a bha iad a' faighinn on Riaghaltas airson clòimh.
Bha moran ionnsaighean bhon adhar air gach taobh agus bha na bomairean Gearmailteach ag amas gu h-à raidh air drochaid air Abhainn aig Etaples ach bhuail cuid de na bomaichean aca togalaichean eile sa bhaile. Nam measg bha dà ospadal Canèidianach. Chaidh còrr is 60 a mharbhadh, nam measg triùir nursaichean. Dh'fhuirich a' chuid mhòr de na nursaichean còmhla ri na leòintich an à ite dhol a lorg fasgadh, agus chaidh Bonn a' Mhìlidh son gaisge a thoirt do dhithis dhiubh air sgà th sin.
Bha iomraidhean anns an Highland News a' gearain air obair Riaghladair a' Bhidhe. Bha aon litir a' cà ineadh an t-seòrsa arain a bha ri fhaighinn sa cheann-a-tuath. Bha litir eile ann a' gearain air cho toinnte is a bha an ceisteachan a dh'fheumadh daoine a lìonadh airson leabhar rations fhaighinn. A rèir an sgrìobhaiche cha robh barrachd air deich neach às a' cheud ann an Siorrachd Rois a bha comasach air a lìonadh a-steach ceart.
Air 27mh den Chèitein chuir a' Ghearmailt air chois Iomairt Blücher-Yorck, an treas pà irt de Iomairt an Earraich, ann an sgìre Abhainn Aisne. Thòisich am blà r sa mhadainn leis a' Ghearmailt a' losgadh air na Co-chòmhragaich le còrr is 400 gunna-mòr. Bha na gunnachan a' cuimseachadh gu h-à raidh air Druim Chemin des Dames far an robh feachd Breatannach fon t-Seanalair Sir Alexander Hamilton-Gordon air an suidheachadh. Gheibh sinn a-mach ciamar a chaidh am blà r.
Ged a bha an t-sabaid a' dol cho cruaidh 's bha e riamh eadar aibhnichean an Oise 's a' Mharne, bha an naidheachd às an Fhraing thairis air an deireadh sheachdain aig toiseach an Ògmhìos 1918 a' toirt fa-near gun robh casg ga chur air ionnsaigh mhòr na Gearmailt.
A dh'aindheoin cuideam bho na feachdan Gearmailteach bha na Frangaich a' seasamh aca gu daingeann. 'S e glè bheag de dh'adhartas a bha iad a' dèanamh agus b'e an aon rud a bha na uallach gun robh an talamh à rd an iar air Chateau Thierry, còrr is dà fhichead mìle bho Paris a-nis ann an là mhan nan Gearmailteach.
Air an treas latha thug riaghaltasan Bhreatainn, na Fraing agus na h-Eadailt geallaidhean seachad aig Versailles a' cur taic ri muinntir na Pòlainn, Cecaich, Slobhà cianaich agus Iugoslà bhaich a bha ag iarraidh fèin-riaghladh. B'e innleachd a bha seo gus toirt air na dùthchannan sin gluasad air falbh bho bhuaidh na Gearmailt, rud a thigeadh gu buil ro dheireadh na bliadhna.
Agus bha iomradh ga thoirt air gaisgeachd eileanach eile ann an Gaseat Lunnainn: Seumas MacIain, Seumas Beag 'ain Johnson à Loch a' Chà rnain an Uibhist a Deas. Bha Seumas air Bonn a' Mhilidh fhaighinn cheana ann an 1917 agus choisneadh e duais DCM mus biodh an cogadh seachad. 'S iongantach gun robh saighdear eile à Uibhist a Deas a choisinn uiread de bhuinn sa Chogadh Mhòr ris.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 4 Jun 2018 12:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Mon 4 Jun 2018 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Jun 2018 13:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal