Episode 66
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.
Air 20mh den Ghiblein, 1918, leig am Morair Derby, Ministeir na Stà it airson a' Chogaidh, dheth a dhreuchd. Chaidh à ite a ghabhail le Viscount Alfred Milner. B' e am Morair Derby a stèidhich na "Pal's Battalions", a bha leigeil le fireannaich à sgìre shònraichte gabhail dhan arm còmhla agus sabaid còmhla san aon bhatà ilian. Fhuair seo mòran taic an toiseach, ach, ri linn, chunnacas bailtean is sgìrean a' call am fir cha mhòr air fad aig Blà r an Somme ann an 1916. Bha Derby ainmeil cuideachd airson an Derby Scheme mar a dh'innseas Gilleasbuig MacDhòmhnaill dhuinn.
Agus bha call-beatha eileanach aig muir cuideachd. Air SS Llwyngwair chailleadh Iain Mac an Lèigh, mac Mà iri Sheòrais "Sherridh" à Bail' an Truiseil ann a Leòdhas. Dh'innis Gazette Steòrnabhaigh an eachdraidh iongantach aig Iain mar a chluinneas sinn.
Bha fios ann am pà ipear-naidheachd an Òbain aig toiseach a' Chèitein 1918 mu naidheachd-bà is fear de churaidhean na Gearmailt, Baron von Richthofen, à feachd-adhair na Gearmailt, a bhiodh na chall mòr dhaibh le cho soirbheachail 's a bha e air a bhith.
Air 29mh den Ghiblean 1918 thug Blà r Scherpenberg, ris an canar cuideachd Blà r Lys no an ceathramh blà r Ypres, ionnsaigh Ghearmailteach an Earraich gu crìch. Anns an aithisg aige dh'innis Sir Dùghlas Haig mar a thachair air an latha dheireannaich seo.
Agus cluinnidh sinn cuideachd iomradh air òraid mu Achd Ùr an t-Seirbheis Armailteach. B' e Sir Dòmhnall MacIllEathain, mac greusaiche a rugadh an Cill mo Luthaig ann an Tiriodh a rinn an òraid. Bha Sir Dòmhnall na bhall pà rlamaid Libearalach 's bha e a' bruidhinn aig Tribunal Thaigh nan Cumantan air mar a bha e an aghaidh fir na bu shine na 47 a bhith air an gairm.
Às leth boireannaich na rìoghachd sgrìobh a' Bhanrigh Mà iri gu na fir a bha sabaid ag innse cho moiteil agus a bha i ast' agus bha Sir Dùghlas Haig air freagairt.
Ann an Tiriodh choinnich comataidh a chaidh a stèidheachadh airson airgead a thogail mar phà irt de dh'iomairt air an robh Scottish War Weapons Week. Dh'innis an t-Urramach Iain Stiùbhart gu robh muinntir an eilein air suim mhòr a chruinneachadh - luach aon phlèan 'Scout' agus deich grad-ghunnaichean.
Faisg air Ypres chaidh Seumas MacLeòid à Calanais ann a Leòdhas a mharbhadh. B' e an aon mhac a bh' aig Iseabail NicLeòid a bha a' fuireach aig an à m ann an Steòrnabhagh. Cha robh Seumas ach còig bliadhna deug is dà sheachdain nuair a ghabh Rèisimeid Earra-Ghà idheal agus Shutharlann e, an dèidh dha a rà dh gu robh e seachd bliadhna deug is dà mhìos. Cha deach lorg fhaighinn air corp Sheumais a-riamh agus cluinnidh sinn mun litir thiamhaidh a sgrìobh a mhà thair gu Oifis Clà raidh an Airm ann am Peairt.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 14 May 2018 12:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Mon 14 May 2018 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 20 May 2018 13:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal