Episode 42
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.
Bha mòran gluasad am measg luchd-dreuchd ann an saoghal poilitigs agus nam feachdan armailteach sna là ithean sa ann a 1916 mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse dhuinn. Leig Sir Eanraig Jackson, Prìomh Mhorair na Mara, dheth a dhreuchd; leig am Prìomhaire Herbert Asquith dheth a dhreuchd; chaidh dreuchd Prìomh Mhorair na Mara a bhuileachadh air Sir Iain Jellicoe agus, air an 7mh den Dùbhlachd, chaidh Daibhidh Lloyd George ainmeachadh mar Phrìomhaire Bhreatainn an à ite Asquith.
Dh'ainmich Riaghaltasan a' Cho-chòrdaidh cuideachd gu robh iad a' dol a chur stad air gluasad air rud sam bith a-mach 's a-steach dhan Ghrèig. Thòisich e air an 8mh là .
San dà rna seachdain den mhìos, chaidh am Morair Derby ainmeachadh mar Rùnaire na Stà it airson a' Chogaidh an à ite Mgr. Lloyd George; leig Viscount Grey, Rùnaire Bhreatainn airson Cùisean Cèin dheth a dhreuchd; leig Mgr. Artair Balfour dheth a dhreuchd mar Phrìomh Mhorair Ùghdarras a' Chabhlaich is ghabh e an dreuchd a bh' aig Viscount Grey, Rùnaire Bhreatainn airson Cùisean Cèin; agus ghabh Sir Èideard Carson à ite Mgr. Balfour mar Phrìomh Mhorair Ùghdarras a' Chabhlaich.
A thuilleadh air a sin chaidh Ministreachd Obraichean (Ministry of Labour) a stèidheachadh
Air an 16mh den Dùbhlachd 1916 fhuair na Frangaich sealbh air bailtean Bezonvaux agus Hardaumont, is am blà r a b' fhaide sa Chiad Chogadh a' tighinn gu crìch an dèidh 300 latha. B' e seo Blà r Verdun, anns an robh còrr air 350,000 Frangach is faisg air 350,000 Gearmailteach air am marbhadh, air an leòn no air an call.
As a dhèidh, bha bailtean mar Bezonvaux air am milleadh chun na h-ìre 's nach deach feuchainn fiùs rin ath-thogail an dèidh a' Chogaidh. Tha mu shia bailtean san sgìre falamh, fà s, chun an latha 'n-diugh, teisteanas maireannach air an sgrios a rinneadh aig Blà r Verdun.
Dh' fhà g Seumas Mac Coinnich à Unapol ann an Asainte sealladh againn air na chunnaic e fhèin mun cuairt Verdun. Cluinnidh sinn earrann dhen bhà rdachd aige, Òran le Saighdear a bh' as a' Fhraing.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Boxing Day 2016 12:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Boxing Day 2016 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- New Year's Day 2017 13:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal