Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.

Air an 11mh den t-Samhain 1916 thàinig am blàr airson an talamh àrd os cionn Abhainn Ancre air an Somme gu ceann. Bha am batal seo air a bhith a' dol bhon chiad latha dhen Dàmhair agus bha droch shìde air màill agus cruadal uabhasach adhbhrachadh dha na feachdan Breatannach agus Canèidianach. Ach air an 11mh chaidh aca air adhartas a dhèanamh a leigeadh leotha putadh air adhart leis an dara pàirt de Bhlàr an Ancre dà latha às dèidh sin.

Air an 13mh den t-Samhain thòisich Blàr an Ancre, an t-sabaid mhòr mu dheireadh dhen bhliadhna air an Somme. Aig cuid, leithid an 51mh Roinn Ghàidhealach b' e Batal Beaumont Hamel a bh' aca air, oir b' e sin a' chiad bhaile air an tug na feachdan Breatannach ionnsaigh air an 13mh. Gu dearbh chaidh caismeachd pìoba, 'The Taking of Beaumont Hamel', a sgrìobhadh leis a' phìobaire Iain MacIllFhialain à Dùn Omhain mar chuimhne air an ionnsaigh.

Cluinnidh sinn caismeachd Iain agus iomradh air cuid de na chailleadh aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill.

Air an ochdamh san naoitheamh latha deug dhen t-Samhain 1916 chunnacas na h-ionnsaighean mu dheireadh aig Batail Ancre agus an Somme. Bha sneachd is flin a' ciallachadh gun robh e gu math duilich dha na feachdan Co-chòmhraigeach an t-adhartas a bha iad ag iarraidh a dheànamh. Cluinnidh sinn mar a chaidh bailtean Beaumont Hamel agus Beaucourt an gabhail thairis gun teagamh ach nach do chuir iad làmh air Serre neo air an taobh a tuath dhen loidhne Ghearmailteach. Cha robh an t-sìde na chuideachadh oir bha am poll 's an clàbair a' cuideachadh an luchd-dìon, a' ciallachadh nach b'urrainn dha na feachdan Co-chòmhraigeach tancaichean a chleachdadh agus a' deànamh conaltradh fìor dhuilich cuideachd.

Cluinnidh sinn cuideachd mu dhuais a fhuair Dòmhnall Macleòid às an Rubha a Leòdhas airson bàt'-aigeil Gearmailteach a chuir fodha agus aithris anns an Ross-shire Journal a bha a' deànamh mìneachadh air an àireamh shoithichean a bha iomairt bàt'-aigeil nan Gearmailteach air a chur fodha.

Rugadh Uilleam Labhraidh do theaghlach a bha ag obair anns na cuaraidhean sglèata ann am Baile Chaolais agus dh'ionnsaich e na ciad phuirt aige air a' phìob bho athair, Eoghainn Thòmais Uilleim. Ann an 1910 b' e Uilleam Labhraidh an dara pìobaire riamh a ghlèidh na buinn òir san Òban agus an Inbhir Nis air an aon latha. Ceithir bliadhna às dèidh sin ghabh e thairis bho Sheòras Ross mar Mhàidsear na Pìoba air an ochdamh batàilian de Rèiseamaid Earra-Ghàidheal agus Shutharlann. Ach dh'fhàs e bochd sna trainnsichean san Fhraing agus dh'èug e ann an ospadal an Oxford air an 28mh den t-Samhain 1916.

30 minutes

Last on

Sun 11 Dec 2016 13:00

Broadcasts

  • Mon 5 Dec 2016 12:00
  • Mon 5 Dec 2016 22:00
  • Sun 11 Dec 2016 13:00