Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.

Air a' 4mh den 1916 Lùnastal chaill Dòmhnall MacLeòid, Dòmhnall Eachainn Alasdair bho ochd-deug An Cnoc ann a Leòdhas a bheatha.
Bha Dòmhnall as a' chogadh còmhla ri Rèisimeid Alberta is, ann an ùpraid is troimhe-chèile an àm, chaidh a chorp a chur, le mearachd, airson a thiodhlacadh ann an Cladh Bhaile nan Cailleach am Beinn na Fadhla. Cluinnidh sinn mar a thachair san sgeulachd annasach seo bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill am measg naidheachdan eile a' chogaidh.

Cluinnidh sinn cuideachd a' chiad iomradh air leabahar-là te air am fàs sinn eòlach sna prògraman - Iseabail Ros às an Ath Leathann san Eilean Sgìtheanach - agus an iomradh mu dheireadh air Eoghainn MacArtair à Cill Daltain an Ìle, air na dh'fhàs sinn cho eòlach, nuair a chaill e a bheatha às dèidh dha a bhith air a leòn air a' Somme air an 16mh den Lùnastal 1916.

Chaidh Iseabail Ros tron fhoghlam ann an Colaiste nan Leadaidhean an Dùn Èideann agus fhuair i obair a' teagasg còcaireachd ann an Sgoil Atholl Crescent. Goirid an dèidh dhan Chogadh tòiseachadh chaidh i dh'èisteachd ri òraid leis an Dotair Elsie Inglis a bha aig an àm a' sireadh bhoireannaich a rachadh gu ruige Serbia a dh'obair ann an Aonad Ospadal nam Mnathan Albannach (Scottish Women's Hospital Unit), am buidheann a thòisich i fhèin. Chum Iseabail leabhar-là a chaidh fhoillseachadh fon ainm Little Grey Partridge an dèidh a bàs ann a 1965.

San Lùnastal 1916 bha iomairt às ùr ann an Leòdhas is na Hearadh airson còmhdhail a chur air dòigh do shaighdearan is do sheòladairean a bha tighinn dhachaigh air fòrladh. Air an 12mh fhuair iad taic bhon Highland News.

Agus dh'fhoillsich Pàipear an Òbain litir bho Oswald Balfour, oifigear anns na King's 60th Rifles, a bha càirdeach do Dhiùc Earra-Ghàidheal. Bha Balfour air a bhith air a leòn dà thuras sa Fhraing agus bha e nis a' sgrìobhadh à Salonika a' toirt taing do mhuinntir Thiriodh airson stocainnean.

30 minutes

Last on

Sun 28 Aug 2016 13:00

Broadcasts

  • Mon 22 Aug 2016 12:00
  • Mon 22 Aug 2016 22:00
  • Sun 28 Aug 2016 13:00