Episode 35
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events from the last three weeks 100 years ago in the First World War.
Air an 10mh den Iuchair 1916 rà inig am bà t-aigeil 'Deutchschland' Norfolk air a slighe à Ameireagaidh air ais gu Bremen. B' e seo a' chiad bhà t-aigeil marsanta a bh' aig na Gearmailtich agus chaidh a dealbh a dh'aona ghnothaich airson faighinn timcheall air a' bhacadh a bha Cabhlach Rìoghail Bhreatainn air a chur an sàs gus stad a chur air soitheachan Gearmailteach. Air bòrd an 'Deutschland' bha 750 tunna de stuthan dath agus ceimigeach a thuilleadh air litrichean is a leithid. Bha aithrisean ann cuideachd gun robh òr air bòrd agus litir bhon a' Khaiser chun a' cheann-suidhe Woodrow Wilson. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill dè dha-rìribh a bh' air bòrd agus sgeulachd annasach mun sgiobair.
Cuideachd cluinnidh sinn bho Niall MacLeòid à Col an Leòdhas a bh' aig Blà r an Somme agus a theab a bhith air a thiodhlacadh beò nuair a thuit trainnse air a mhuin nuair a bhuail slige i.
Air an 16mh den Iuchair 1916 thòisich am batal airson Coille Delville no Bois d'Elville aig an Somme. Mar phà irt dhen iomairt airson smachd fhaighinn air Bazentin Ridge bha commandair nam feachdan Co-chòmhraigeach, an Seanaral Dùghlas Haig, airson pìos coille a ghabhail thairis eadar Delville agus Bazentin le Petit.
Bha an iomairt soirbheachail ach cha b' ann gun phrìs. B' e seo a' chiad thuras a bha feachdan bho Afraga a Deas air sabaid air a' Western Front agus, còmhla ris an Naoitheamh Roinn Albannaich, dh'fhuilingeadh iad gu mòr sna là ithean 's na seachdainean a bha ri thighinn. Tha aithris air na thachair againn.
Aig an taigh, le geamhradh eile air fà ire, bha sanasan a nochdadh sna pà ipearan naidheachd ag iarraidh barrachd aodach a bh' air fhighe, gus tomhas de bhlà ths is cofhartachd a chumail ris na saighdearan sna mìosan fuara, geamhraidh a bha romhpa. Bha cuideachd uiread de dhroch amharas air coigrich a' gluasad timcheall na dùthcha 's gun deach bacadh a chur daoine bho bhith a' siubhal chun na Gà idhealtachd. Gu dearbh mar a chaidh a shanas anns an Ross-shire Journal bha na h-ùghdarrasan a stèidheachadh sgìre airm ùr mu thuath.
Air a 27mh den Iuchair 1916 chaidh oifigear Breatannach a chur gu bàs sa Bheilg às dèidh cùirt airm Gearmailteach. B' e seo an sgiobair Teà rlach Fryatt a bha os cionn na bà ta-smùide, Brussels. B' e soitheach marsanta a bh' anns a' Bhrussels agus dà uair san t-seachdain bha i a' seòladh eadar Harwich ann an Sasainn agus an Òlaind. Air tè de na bhòidesan chaidh stad a chur oirre le bà t'-aigeil agus chaidh Fryatt agus an criutha aige a thoirt gu campa prìosain Ruhleben air taobh a-muigh Berlin. Cluinnish sinn mar a thachair.
Ann an Ìle, bha naidheachdan bà is triùir a bhuineadh dhan eilean a bh' ann a Rèiseamad Earra-Ghaidheal is Shutharlann, eadar an 26mh agus an 27mh den Iuchair 1916. Buille mhòr do dh'eilean beag ann an ùine ghoirid.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 1 Aug 2016 12:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Mon 1 Aug 2016 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Aug 2016 13:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal