Episode 32
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events from the last three weeks 100 years ago in the First World War.
Aig toiseach a' Chèitein 1916, mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse dhuinn, bha còmhraidhean a' leantainn eadar riaghaltasan Bhreatainn sna Frainge mu aonta gus sgaradh a thoirt air Asia Minor às dèidh a' Chogaidh. B' iad Mark Sykes agus Francois Georges Picot an dithis a bha os cionn nan còmhraidhean agus a thug an t-ainm 'Sykes-Picot' dhan aonta a dh'èirich à sta. Fon aonta a chaidh a chumail dìomhair aig an à m, bhiodh a' mhòr-chuid dheth na tìrean Arabach air an roinn eadar Breatainn agus an Fhraing aig deireadh a' chogaidh.
Air an 10mh den Chèitean chaidh ainm na Gearmailt a chur ri aonta eile ann am Berlin, aonta co-cheangailte ri bhith a' cur prìosanaich cogaidh a dh'obair. Thigeadh ainm Bhreatainn a chur ris an aonta seo ro dheireadh na mìos cuideachd.
Air an 13mh den Chèitean 1916 chaidh aonta a ruighinn ann an Lunnainn gus prìosanaich cogaidh a bh'air an leòn no a bha tinn a ghluasad dhan Eilbheis. Fon a' sgeama seo bhiodh prìosanaich Breatannach sa Ghearmailt agus prìosanaich Gearmailteach ann am Breatann air an gluasad dhan Eilbheis, a bha air fuireach a-mach às a' Chogadh.
Air an 16mh den Chèitean 1916 chaidh seirbhis do-sheachanta 'Conscription' a leudachadh gu bhith a' togail fir phòsta airson seirbheis airm cuideachd. Bha sin a' fà gail gainne aig an taigh a thaobh na dheà nadh obair anns na factaraidhean airm agus air an tuath, mar a bha an Ross-shire Journal air an 19mh den Chèitean ag aithris. Bha iomradh cuideachd san aon iris ag aithris gur gann gun robh duine a bha comasach air sabaid air fhà gail ann am mòran de na bailtean ann a Leòdhas, rud a choisinn urram bhon Rìgh.
Air deireadh sheachdain an 21mh agus an 22mh den Chèitean 1916 bha tòrr sna pà ipearan-naidheachd ionadail mu ghaisgeachd Iosag MacÌomhair, Isaac a' Phoilis à Siabost an Leòdhas, a chaidh a dhroch leòn a' cur a bheatha fhèin an cunnart a' feuchainn ri saighdear eile a shà bhaladh. Thachair tubaist Iosaig aig campa treà naidh faisg air Leeds far an robh e ag ionnsachadh dha na saighdearan mar a thilgeadh iad bomaichean agus a' dol air falach sna trainnsichean mus spreadhadh iad air taobh a-staigh còig diogan. Tha a' Highland News a' togail na sgeòil.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 30 May 2016 12:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Mon 30 May 2016 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Jun 2016 13:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal