Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events from the last three weeks 100 years ago in the First World War.

Bha an Siathamh Division den Arm Innseanach, fon t-Seanalair Teàrlach Townshend, fo shèist aig arm na h-Ìompaireachd Ottoman o thoiseach na bliadhna 1916 ann an Kut-el-Amara, mu cheud mìle deas air Baghdad. Mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse an t-seachdain sa, rinneadh oidhirp air an t-sèist a bhristeadh aig toiseach a' Ghiblein le feachd de 30 mìle saighdear fo stiùireadh Sir Seòras Gorringe. Rinn iad a' chùis air baile Bait Aiisa a ghlacadh air an 17mh agus an 18mh den mhìos.

Cuideachd rinn Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte gearain làidir ri Riaghlatas na Gearmailt air an 18mh mun ionnsaigh air an aiseig 'Sussex' sa Chaolas Shasannach sa Mhàrt. Agus aig an taigh, bha oidhirpean gan dèanamh gus a dhèanamh nas fhasa do shaighdearan is seòladairean a dhol dhachaigh dha na h-eileanan air fòrladh.

Air 22mh den Ghiblean 1916 rinn Àrm Bhreatainn, fon t-Seanalair Seòras Gorringe, oidhirp eile air bristeadh tro na loidhnichean Turcach a bha cuairteachadh baile Kut-al-Amara ann am Mesopotamia. Thòisich blàr Sannaiyat aig sia uairean sa mhadainn, is feachdan Bhreatainn a' losgadh le na gunnachan mòra aca air na trainnsichean Turcach. Clunnidh sinn mar a chaidh còrr is mìle de na saighdearan Gàidhealach is Innseanach a ghabh pàirt san ionnsaigh a leòn no mharbhadh aig Sannaiyat. Bha mu 250 dhiubh sin anns na Sìofortaich, nam measg seachdnar a bhuineadh do Leòdhas.

Bha sèist Kut-el-Amara air a bhith dol còig mìosan agus bha saighdearan Breatannach is Innseanach an t-Seanalair Townshend a-nise ann an staid èiginneach, le biadh is uisge a' ruith a-mach gu luath. Air an 26mh den Ghiblean 1916 chuir Townshend tagradh chun a' chomanndair Thurcach, a' tabhann millean not airson am feachd aige a leigeil ma sgaoil, fo chùmhnant nach deaghadh an cleachdadh an aghaidh nan Turcach tuilleadh. Cluinnidh sinn ciamar a chaidh dha.

Air a' chiad là den Chèitean 1916 thàinig ar-a-mach na Càisge gu ceann ann an Èirinn às dèidh seachdain de shabaid dhian air feadh Baile Àth Cliath. Agus ged a bha an t-Urramach Donnchadh MacDhùghaill a' dèanamh a dhìcheall anns an Òlaind, agus a' soirbheachadh leis sa champa, bha clèir Leòdhais den Eaglais Shaor airson 's gun tilleadh e dhachaigh.

30 minutes

Last on

Sun 15 May 2016 13:00

Broadcasts

  • Mon 9 May 2016 12:00
  • Mon 9 May 2016 22:00
  • Sun 15 May 2016 13:00