Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in the First World War 100 years ago.

Air an dàrna latha fichead den t-Samhain thòisich Blàr Ctesiphon, mar a tha Gilleasbuig MacDHòmhnail ag innse an t-seachdain sa. B' e Ctesiphon aon de phrìomh bhailtean seann Mhesopotamia, stèidhichte air bruaichean an Tigris, beagan a bharrachd air fichead mìle deas air Baghdad an latha an-diugh.
Fo chommand Sir Iain Nixon, bha a' chiad ionnsaighean a rinn feachdan Bhreatainn ann am Mesopotamia air a bhith soirbheachail. Bha feachdan fo chommand Sir Teàrlach Townsend air Basra a ghabhail agus baile Kut-al-Amara. Thug Nixon a-nise òrdugh do Townsend e leantainn air suas aibhnichean Tigris agus Euphrates gu ruige Baghdad - an duais a bha dhìth air.
Ach bha teagamhan mòra aig Townsend mun iomairt seo. Far an robh e, bha làn fhios aige nach biodh e furasta armachd no biadh no saighdearan eile fhaighinn ga ionnsaigh. Bha teagamhan aige cuideachd mu na saighdearan a bh' aige. Innseanaich a bh' anns a' mhòrchuid dhiubh, agus bha e air an treas cuid dhiubh a chall cheana, cuid air am marbhadh anns a' bhlàr, cuid air strìochdadh ri tinneas.
Chan èisteadh Nixon ris agus cluinnidh sinn mar a thachair.

Bha grunn bhuidheanan a bha cudromach ann a bhith a' toirt taic do shaighdearan. Air an 28mh den t-Samhain 1915 sgrìobh Eòghainn MacNeacail à Griomasaigh gu phiuthar air duilleag pàipear le na facail Church Army Recreation Hut aig bàrr na duilleig.
B' e an Church Army aon de na buidhnean, mòran dhiubh ceangailte ri eaglaisean eadar-dhealaichte, a bha a' toirt taic ann an diofar dhòighean do shaighdearan. Nam measg bha The Young Men's Christian Association - a YMCA, Comataidh Hutaichean Eaglaisean na h-Alba, An Club Caitligeach, Arm an t-Saoraidh ( a' Salvation Army) agus àite air am biodh iad ag èigheachd, Toc H, neo Talbot House faisg air Poperinghe.

Bha an t-Siathamh Division Innseanach, fon t-Seanalair Townshend, gam putadh air ais leis an Arm Thurcach ann am Mesopotamia agus b' eudar dhaibh dìon a ghabhail ann am bhaile Kut-al-Amara, baile beagan is ceud mìle deas air Baghdad ann an Iorag an là-an-diugh. Tha seann bhallaichean làidir mun cuairt a' bhaile agus cha robh an t-Arm Turcach comasach air an leagail, ach cha mhò a bha an t-Arm Breatannach comasach air faighinn a-mach às a' bhaile. Thòisich sèist Kut-al-Amara air an 7mh den Dùbhlachd agus mhair i cha mhòr còig miosan, gu deireadh a' Ghiblean1916.

Chaidh feachd de na Ciad Sìofortaich a chur a Mhesopotamia a chuideachadh Seanalair Townshend aig Kut-al-Amara, agus bha Iain MacLeòid, Iain Ruadh Thormoid à Siabost bho Dheas nam measg. Cluinnidh sinn bhuaithe mar a dh'fhalbh iad.

30 minutes

Last on

Sun 20 Dec 2015 13:00

Broadcasts

  • Mon 14 Dec 2015 12:00
  • Mon 14 Dec 2015 22:00
  • Sun 20 Dec 2015 13:00